Dòchas às dèidh fèill Loch nam Madadh

Crodh
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh còrr is 300 beathach a reic Dimàirt

  • Air fhoillseachadh

Faodaidh misneachd a bhith aig croitearan Uibhist a Tuath agus Bheinn na Faoghla gun lean fèilltean stuic ann an Loch nam Madadh - sin a rèir fear de stiùirichean United Auctions, a chùm fèill laoigh ann Dimàirt airson a' chiad uair.

Bha eagal air croitearan na sgìre nach fhaiceadh iad fèill stuic idir am-bliadhna, neo is dòcha tuilleadh, an dèidh dha Dingwall and Highland Marts cùl a chur ris a' mhargaidh aig toiseach an Fhaoillich.

Ach, an dèidh mòran conaltraidh, dh'aontaich a' chompanaidh ruip United Auctions, fèill stuic a chur air dòigh dhaibh.

A rèir an ròpair Dòmhnall Young, a tha cuideachd na stiùiriche air a' chompanaidh, tha coltas ann gum bi iad air ais.

"Canaidh mi gum faod iad a bhith dòchasach gun till sinn an ath-bhliadhna" thuirt e.

"Bha deagh fhèill againn an-diugh 's bha mi gu math gu math toilichte leis mar a chaidh cùisean a chur air dòigh dhuinn".

Rup

Àireamhan math

Bha Cathraiche Mhargaidh-Sprèidh Uibhist a Tuath agus Bheinn na Faoghla, Aonghas Fearghastan e fhèin toilichte le mar a chaidh an là.

"Tha mi a' smaoineachadh - tha mi an dòchas - gun deach a h-uile duine dhachaigh toilichte an-diugh".

Chaidh còrr air 300 ceann crodh a reic - a' mhòr-chuid dhiubh sin laoigh na bliadhna seo.

Sna bliadhnaichean mu dheireadh bha an àireamh air tuiteam gu beagan is 100.