Dragh mu àireamhan oifigearan poilis aig tuath

Poilis
  • Air fhoillseachadh

Tha comhairlichean ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba airson dragh a thogail mu phlana gus an àireamh de dh'oifigearan poilis anns an sgìre a ghearradh.

'S iad a' bhuidheann Lib Deamach aig an ùghdarras ionadail a thog an gnothach.

Nochd ceist - stèidhichte air taisbeanadh de Phlana Obair Phoileis na Gàidhealtachd - gun tèid naoidhnear phoileas a chall anns an sgìre agus gun tèid 50% a ghearradh bhon bhuidseat airson ùine a bharrachd.

Tha na Lib Deamaich a-nise air gluasad a chur mu choinneamh na làn-chomhairle Diardaoin a tha ag iarraidh gun sgrìobh Comhairle na Gàidhealtachd gu Riaghaltas na h-Alba mun ghnothach cho luath 's a ghabhas.

Tha na comhairlichean airson 's gun tèid cur às dha na planaichean.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil obair nam poileas na prìomhachas agus gu bheil barrachd oifigearan ann an Alba - a rèir àireamhan sluaigh - na Sasainn agus a' Chuimrigh.

A thuilleadh air sin, tha iad ag ràdh gu bheil faisg air 50 bliadhna bho bha ìrean eucoir cho ìosal.