Mì-thoileachas mu leasachadh taigheadais air iomall Inbhir Nis

Iuchraichean taigheTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha dragh air luchd-còmhnaidh air taobh siar Inbhir Nis gun dèanadh plana faisg air 400 taigh a thogail sa sgìre cron air an àrainneachd.

Tha a' chompanaidh Robertson Homes a' sireadh cead bho Chomhairle na Gaidhealtachd don leasachadh air làraich ann an sgìre an Leacainn, faisg air ospadal New Craigs.

Thog Comhairle Coimhearsnachd Taobh Siar Inbhir Nis dragh gun adhbhraich seo gun tèid an aon raon fosgailte san sgìre a chall, agus gun cuir e ris a' chunnart bho thuiltean san sgìre.

Tha ceist orra cuideachd mun bhuaidh a bhios aig an leasachadh taigheadais air seallaidhean bho shlighe coiseachd a' Ghlinn Mhòir.

Chaidh beachd iarraidh air a' chùis bho Robertson Homes agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Cala Linne ChrombaTùs an deilbh, ÙGHDARRAS CALA LINNE CHROMBA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Cala Chromba mar phàirt de Shaor-Phort Uaine a tha dùil na mìltean obraichean a chruthachadh

Aig a' cheart àm tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh cead airson leasachadh taigheadais eile air làrach an t-seann raoin goilf ann an Tòrr Bheathain a tha faisg air far am bitheadh na taighean aig Robertson Homes.

San Ògmhios, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum biodh 24,000 taighean ùra a dhìth orra thairis air na 10 bliadhna.

Tha feum orra airson dèiligeadh ris a' ghainnead de dhachaighean a tha saor gu leòr do dhaoine an ceannach.

Tha cruaidh fheum ann cuideachd airson àitichean-còmhnaidh don luchd-obrach a bhios aig Saor-Phort Uaine Inbhir Nis agus Chromba agus dùil gun cruthaich am pròiseact sin 8,400 dreuchdan.

Thuirt a' Chomhairle gun robh £2.8bn de mhaoineachadh a bharrachd a dhìth orra arison cabhag a chur san obair togail.