Rannsachadh FAI mu bhàs faisg air Druim na Drochaid

Chloe MhoireasdanTùs an deilbh, Teaghlach Chloe Mhoireasdain
  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh rannsachadh Diciadain mu bhàs boireannaich faisg air Druim na Drochaid ann an 2019.

Bhàsaich Chloe Mhoireasdan, a bha 26, nuair a chaidh a bualadh le crann làraidh fhad 's a bha i a' coiseachd còmhla ri a màthair air cabhsair ri taobh an A82.

Chaidh binn 100 uair de thìde de dh'obair neo-phàighte a chur air dràibhear na làraidh, John O'Donnell, às dèidh dha a bhith air fhaighinn ciontach gun do dh'adbhraich e a bàs le bhith a' dràibheadh gun chùram.

Chaidh cuideachd a chasg bho bhith a' dràibheadh fad bliadhna.

Tòisichidh Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diciadain.