Seiminear air-loidhne mu thoraidhean a' Chunntais-shluaigh
An Dr Gillian Rothach a' bruidhinn ris a' BhBC air thoiseach air an t-seiminear
- Air fhoillseachadh
Gabhaidh an Leas-Phrìomh Mhinistear pàirt ann an seiminear air-loidhne far an tèid beachdachadh air toraidhean Gàidhlig a' Chunntais-shluaigh airson 2022.
Bidh Ceit Fhoirbeis BPA, Iain Mac an Tàilleir bho Shabhal Mòr Ostaig agus Wilson MacLeòid a tha na Ollamh Emeritus aig Oilthigh Dhùn Èideann air panal a bheachdaicheas air na thàinig às a' Chunntas-sluaigh ann an solas Bhile nan Cànanan Albannach a tha a' dol tron Phàrlamaid an-dràsta.
Sheall an Cunntas-sluaigh mu dheireadh gun tàinig àrdachadh faisg air 12,000 air àireimh luchd-labhairt na Gàidhlig.
Anns na h-Eileanan an Iar ge-tà, sheall an Cunntas-sluaigh gu bheil a' Ghàidhlig a-nis aig nas lugha na dàrna leth an t-sluaigh - 45% - airson a' chiad uair riamh.
'S e Sabhal Mòr Ostaig a bhios a' cur air dòigh an t-seimineir, agus 's i prionnsabal na colaiste, An Dtr Gillian Rothach, a bhios na cathraiche.
"Nuair a bhios sinn a’ beachdachadh air toraidhean a’ Chunntais-shluaigh, bidh sinn gu tric a’ smaoineachadh air àireamhan is dàta. Ge-tà, air cùl nan àireamhan sin tha coimhearsnachdan Gàidhlig agus daoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh amais choitchinn gum bi Gàidhlig air a cleachdadh barrachd agus gum bi barrachd solair is sheirbheisean ann dhan chànan ann an Alba" thuirt i.
"Mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Alba, bidh sinn a’ brosnachadh agus a’ cur taic ri deasbad ceasnachail mun fhiosrachadh is mun fhianais a th’ againn air cor a’ chànain, fiosrachadh a tha na adhbhar dòchais agus cuideachd a’ fàgail dùbhlan romhainn aig amannan" thuirt i.
"Clach-mhìle dhòchasach"
Thuirt Ceit Fhoirbeis, a tha cuideachd na Ministear Gàidhlig anns an Riaghaltas, gu bheil iad a' cur romhpa am fàs seo air àireimh luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail a' dol.
‘Tha àireamhan a’ Chunntais-shluaigh bho 2022 a’ sealltainn dhuinn gun deach àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig an àird airson a’ chiad turais o chionn 50 bliadhna – clach-mhìle dhòchasach dhan chànan. Nì sinn ar dìcheall gus dèanamh cinnteach gun lean an t-adhartas seo agus bidh sinn a’ cur taic shònraichte ris na coimhearsnachdan far an tàinig crìonadh air cleachdadh na Gàidhlig a rèir a’ Chunntais-shluaigh.
Bidh an seimeanair ga chumail Diciadain, an 13mh den t-Samhain, agus faodar àite a chur air dòigh an seo., taobh a-muigh
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2024

- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2024

- Air fhoillseachadh25 An t-Sultain 2024

- Air fhoillseachadh27 An t-Sultain 2024
