Tagraidhean gan iarraidh airson Pàirc Nàiseanta ùr an Alba

Beinn Neibhis
  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air coimhearsnachdan agus buidhnean tagraidhean a chur thuca airson Pàirc Nàiseanta ùr a stèidheachadh an Alba.

Gheall an riaghaltas ann an Aonta Taigh Bhòid - aonta-riaghlaidh eadar Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus Uainich na h-Alba - gum biodh cò-dhiù aon phàirc nàiseanta ùr ann ron bhliadhna 2026 airson piseach a thoirt air an àireanachd agus an eaconomaidh.

Airson a' chiad uair 's e coimhearsnachdan agus buidhnean sgìreil a gheibh an cothrom tagradh a chur a-steach ach feumaidh iad a bhith gabhail ris na cumhachan seo:

  • Fìor chudromach a thaobh nàdair is dualchas chultaral

  • Àite le cruth-tìre sònraichte

  • Fianais gu bheil taic ann dhan mholadh am measg dhaoine gu h-ionadail

  • Ciamar a fhreagarradh a' Phàirc Nàiseanta air feumalachdan na sgìre

Feumar tagraidhean a chur dhan riaghaltas ro 29mh den Ghearran 2024 agus gheibhear fiosrachadh an seo Pàircean Nàiseanta na h-Alba, taobh a-muigh.

Thuirt Fear-gairm Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, Sandy Bremner, gu bheil cothroman mòra dha coimhearsnachdan.

"Tha e a' cur fòcas air a bhith a' dìon agus a' cur ri boidhchead agus dualachas na sgìre.

"Gheibhear taic shònraichte 'son coimhearsnachdan agus tha e a' toirt daoine còmhla airson piseach a thoirt air an àite," thuirt e.

Isle of Skye
Fo-thiotal an deilbh,

Tha deasbud a' dol san Eilean Sgitheanach am biodh e freagarrach airson a bhith na Phàirc Nàiseanta.

Am measg na tha air ùidh a nochdadh mar-thà tha:

  • Sgìre Ghall-Ghàidhealaibh

  • Na Crìochan

  • Coille Tatha

  • Loch Abar

  • Eilean a' Cheò

  • Afraig gu Aladal

  • Gleann Afraig

  • Na Lammermuirs

  • Bagh an Leargaich

  • Loch Obha

Tha deasbad air a bhith a’ dol, co-dhiù gu ìre, am bu chòir coimhead ri pàirc nàiseanta a dhèanamh dhen Eilean Sgitheanach, le cuid a’ togail dragh gur dòcha gun deigheadh cus a bharrachd dhaoine a tharraing ann, agus gur dòcha gun cuireadh e casg air sgeamaichean taigheadais.

Tha cuid dhen bheachd gur dòcha gum biodh buannachdan na lùib nuair a thigeadh e gu bhith a’ faighinn taic-airgid agus gur dòcha gun gabhadh cìs iarraidh air daoine a tha a’ tadhal, cleas mar a tha a’ tachairt ann an dùthchannan eile.

As t-Earrach an ath-bhliadhna thèid measadh a dhèanamh air gach tagradh agus as t-Samhradh ni NàdairAlba rannsachadh mionaideach air na diofar sgìrean agus thèid co-dhunadh a dhèanamh a-rèir 's dè thig às a sin.