Prìosan dha èigniche à Inbhir Ghòrdain

Derek MacAoidhTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Chaidh binn prìosain air fear a thug ionnsaighean drabasta air boireannnaich thairis air 15 bliadhna.

Chaidh Derek MacAoidh, 38, às Inbhir Ghòrdain, fhaighinn ciontach air 25 casaidean - 11 chasaid èigneachaidh nam measg - co-cheangailte ri ionnsaighean a thugadh eadar 2005 agus 2020.

Chaidh binn 10 bliadhna air, mar phàirt de dh'Òrdugh Smachdachaidh Fad-beatha.

Thachair na h-ionnsaighean air Ghàidhealtachd, an Obar Dheathain agus ann an Glaschu.

Dh'innis am britheamh, am Morair Mulholland, do MhacAoidh - a chaidh a dhìteadh roimhe airson èigneachaidh, gun robh e "gu follaiseach na chunnart do bhoireannaich".

"Rinn thu farsainneachd de dh'fhòirneirt fheiseil agus fhiosaigeach, èigneachadh agus dol a-mach smachdail, co-èigneachail agus droch-dhìol air an fheadhainn a dh'fhuiling," thuirt am britheamh.

"Leig leam rud a dhèanamh gu math soilleir dhut. Chan eil gnothach aig a' chòignear air an tug thu ionnsaigh ri thu fhèin a bhith sa chùirt airson nan eucoirean uabhasach seo - 's e thu fhèin as coireach.

"Bha an còignear do-chreidsinneach treun ann a bhith a' seasamh agad, agus a bhith ag innse don chùirt na rinn thu.

"Nìthear moladh orra, oir mura robh iad air thighinn air adhart, chan eil teagamh agam nach robh thu air cumail ort a' dèanamh an aon rud ri tuilleadh bhoireannach."

Chaidh MacAoidh, a bh' air diùltadh an toiseach nochdadh san doc airson na h-èisteachd Dimàirt agus Diciadain, a chur air clàr nan drabastairean.

Chuir am britheamh cuideachd òrdughan air ga chasg bho bhith a' cur fios air no a bhith a' dol faisg air na boireannaich a dh'fhuiling fhad 's a bhios e beò.

Thuirt am Morair Mulholland gu bheil e an urra ri Bòrd a' Pharòl co-dhiù thèid MacAoidh a shaoradh gu bràth.

Bha MacAoidh air fhaighinn ciontach roimhe an dèidh cùise sa chùirt ann an Inbhir Nis.