Teagamh mu iomairt Bheàrnaraigh Leòdhais

Beàrnaraigh
  • Air fhoillseachadh

Tha teagamh ann mu iomairt mhuinntir Bheàrnaraigh Leòdhais an oighreachd aca a cheannach leis nach eil ach aon stiùiriche air fhàgail air a' bhuidhinn a tha an urra ris.

San dà mhìos a dh'fhalbh tha 11 stiùiriche air Urras Leasachaidh Bheàrnaraigh air an dreuchdan a leigeil dhiubh.

Am measg dhraghan a chaidh a thogail mun urras aig a' choinneimh phoblaich air a' mhìos a chaidh, aig an robh còrr is 100 duine an làthair, bha na dòighean riaghlaidh aca, dìth chonaltraidh ris an t-sluagh mu phròiseactan agus nach robh iad a' riochdachadh na coimhearsnachd mar bu chòir.

Chaidh Urras Leasachaidh Bheàrnaraigh a stèidheachadh bho chionn deich bliadhna agus 's e fear de na prìomh amasan aca bhon uairsin am fearann a chur an làmhan na coimhearsnachd.

Bha iad ag ullachadh tagraidh airson an oighreachd a cheannach an aghaidh toil an uachdarain a tha a' fuireach sa Ghearmailt agus a bha a' sireadh barrachd airgid air a son na cheadaicheadh an lagh.

Tha ceist ann a-nis mun iomairt sin an dèidh do na h-uimhir de stiùirichean falbh.

A rèir Thaigh nan Companaidhean, chan eil ach aon stiùiriche air fhàgail.

Cha robh Fearann Coimhearsnachd na h-Alba - a bhios a' comhairleachadh choimhearsnachdan a thaobh fearann a cheannach - deònach beachd a thoirt seachad air a' ghnothach.