Bhàsaich dràibhear an dèidh tubaist eadar càr is làraidh air an A9

- Air fhoillseachadh
Tha na poilis air a' Ghàidhealtachd a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a bhàsaich fireannach ann an tubaist rathaid ann an Gallaibh.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu làrach na tubaiste aig Tuath-gaoithe Chauseymire faisg air Mybster mu 3:00f Diluain.
Bha dà charbad an sàs san tubaist, Audi A6 airgid agus làraidh Volvo FH dhearg.
Bhàsaich dràibhear an Audi, fear 71 bliadhna de dh'aois, aig an làraich.
Thuirt an Sàirdseant Dùghlas Scott: "Tha ar smuaintean le teaghlach an duine a bhàsaich aig an àm dhuilich seo.
"Tha an sgrùdadh againn a' leantainn feuch dè a bu choireach ris an tubaist.
"Dh'iarrainn air daoine sam bith a chunnaic na thachair no aig a bheil dealbhan dash-cam thighinn a bhruidhinn rinn."
Ma tha fiosrachadh ri aithris tha Poileas Alba ag iarraidh air daoine fònadh thuca air 101 le àireamh na cùise 1456, 16mh den Dàmhair, 2023.