Stiùiriche Cruthachail ùr air Theatre gu Leòr

- Air fhoillseachadh
Chaidh Seona NicGilleFhionndaig ainmeachadh mar stiùiriche cruthachail ùr Theatre gu Leòr.
Tha i a’ gabhail àite Muireann Kelly, a thòisich a chompanaidh, ach a dh’innis bho chionn ghoirid gun robh i a’ fàgail airson obair ùr aig Fíbín aig An Taibhdhearc, taigh-cluiche nàiseanta na h-Èireann ann an Gaillimh.
Tha Ms NicGilleFhionndaig roimhe air a bhith ag obair aig Theatre gu Leòr, agus aig Taighean-cluiche Eden Court agus an Tron.

A’ bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadainn, mhìnich i na prìomh amasan a bhios aice a stiùireadh na companaidh;
“A’ chiad phrìomhachas a bhios agam, se a bhith a bruidhinn agus ag èisteachd agus a’ coinneachadh ris an luchd-ealain a tha ag obair ann an theatre air feadh Alba, airson faighinn a-mach mu na pròiseactan a tha aca.
“Agus chan ann dìreach airson a bhith a’ riochdachadh pròiseactan mòra a tha sinn an seo. ‘S ann cuideachd airson leasachadh proifeiseanta a’ thoirt seachad agus airson luchd-obrach ùr a’ thàladh a-steach do ghniomhachas theatre.
A’ bruidhinn air na pròiseactan a tha fhathast ri thighinn bho Theatre gu Leòr thuirt i;
“Tha sinn ag obair air cò-riochdachadh eadar-nàiseanta le companaidhean ann an Èirinn agus anns a’ Chuimrigh, a’ togail air a' chàirdeas Ceilteach a tha againn.”
Tha Theatre gu Leòr air cliù a’ chosnadh airson grunn dheilbh-cluiche thar nam bliadhnachan, leithid ‘Shrapnel’, ‘Cèilidh’ agus ‘Stornoway, Quebec’.