Cobhair air "a' chaora aonaranach"

- Air fhoillseachadh
Chaidh cobhair a dhèanamh air caora a bha glaicte aig bonn bearraidh faisg air Brùra.
Tha dùil gun robh i air a bhith ann co-dhiù dà bhliadhna.
Às deidh sgeulachdan mu deidhinn nochdadh air na meadhanan sòisealta bho chionn ghoirid, cho-dhùin buidheann de thuathanaich cobhair a dhèanamh oirre.
Tha i nise air a h-ainmeachadh mar Fiona, agus a rèir an luchd-teasairginn, tha i slàn agus gu math fallainn - dìreach feumach air rusgadh.
'S e fear Cammy Wilson a bhitheas a' preasantadh air a' phrògram telebhisean Landward a chur air dòigh na h-iomairt.

Fiona, às dèidh an sgioba grèim fhaighinn oirre.
Thuirt Mgr Wilson gun robh e airson cobhair a dhèanamh air Fiona leis gun robh e air a bhith leughadh rudan mì-cothromach mun tuathanach leis a bheil i agus gun do chur seo dragh mòr air.
Thuirt e gun robh an tuathanach air feuchainn ron a seo grèim fhaighinn air a' chaora, ach gun robh i ann an àite cho iomallach agus cunnartach 's nach fhaigheadh e faisg oirre.
Bha a' bhuidhean charthrannas, an SSPCA, an làthair Disathairne nuair a rinn an sgioba-teasairginn cobhair air a' chaora agus rinn iad deuchainnean oirre.
Thuirt iad gun robh a' chaora fallainn, a bharrachd air a bhith feumach air rùsgadh agus gun robh i dìreach feumach air beagan fois.