Seirbheisean adhair gan gearradh

Plèana LoganairTùs an deilbh, LOGANAIR
  • Air fhoillseachadh

Tha Loganair a' stad an ath-bhliadhna de sheirbheisean às Inbhir Nis gu ruige Baile Átha Cliath agus Birmingham.

Thuirt Loganair gu bheil iad a' dèanamh oidhirp mòire air cosgaisean a ghearradh an dèidh àrdachadh sna cosgaisean iùil orra.

Sguiridh an t-seirbheis eadar Inbhir Nis agus Birmingham san Fhaoilleach agus seirbheis Bhaile Átha Cliath as t-Samhradh.

Thuirt Loganair gun dèan iad an dìcheall na seirbheisean aca aig Port-Adhair Inbhir Nis a ghlèidheadh.