Tuiltean: fearann fo bhuaidh fad bliadhna

Pàirce shnèapan fo thuil ann an Srath TathaTùs an deilbh, MARTIN KENNEDY
  • Air fhoillseachadh

Tha tuathanaich air rabhadh a thoirt gun do dh’adhbharaich tuiltean an deireadh-sheachdain call air leth mòr air bàrr-bìdh.

Tha Aonadh nan Tuathanach, an NFU, ag ràdh gu bheil glasraich, buntàta agus bàrr eile a’ grodadh fo uisge, ach gu bheil tuathanaich stuice air buaidh na sìde fhaireachdainn cuideachd.

Dh’innis riochdaire an NFU, Raibeart Dòmhnallach, gum faodadh gum bi bliadhna ann mus gabh fearann ann an cuid de dh'àiteachan cleachdadh a-rithist.

"Feadh Alba rinn e meall millidh," thuirt e.

"Gu h-àraid air tuathanaich air talamh-àitich.

"Bha glasraich, buntàta aca anns an talamh.

"Tha meall tha mi a' cluinntinn shìos mu Pheairt 's na ceudan acraichean fo uisge, 's tha sin a' dol a bhith uabhasach trom air na daoine a tha a' feuchainn ris a' bhuntàta agus na curainnean, tuinneap, brocolli - na gnothaichean sin uile bha iad anns an talamh fhathast agus tha meall dhiubh nach gabh toirt às a-niste.

"Bidh iad cho salach às dèidh a bhith fon uisge," thuirt e.

Cha ghabh am post X seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air X
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air X teachdaireachd le BBC Naidheachdan

Cead do stuth X?

Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh X teachdaireachd le BBC Naidheachdan

Chan e talamh-àitich a-mhàin a tha fo bhuaidh ge-tà, agus fodair geamhraidh air a sguabadh air falbh ann an cuid de dh'àitichean.

Fiù 's air cuid de thalamh ionaltraidh, bheir e ùine mus fhaodar stoc a chur a-mach an dèidh nan tuiltean.

"Bha na ceudan bhèilichean air an toirt air falbh, 's mun àm a gheibheadh tu air an tarraing a-steach air ais - dh'fheumadh tu am faighinn an toiseach - 's dòcha gum biodh tu a' bruidhinn air £40 airson a h-uile bèile a bha thu a' faicinn a' dol a-mach gu muir.

"Chaidh na ceudan a-mach.

"Tha mi a' cluinnteil daoine a' bruidhinn mar thà air feuchainn ri cuideachadh a thoirt dha na daoine a tha sin.

"Daoine a' toirt seachad 's dòcha 10 bèile no 20 bèile agus am faighinn sìos an rathad airson cuideachadh a dhèanamh dha na daoine a tha sin.

"Sin am beò-shlaint a tha a' dol a-mach gu muir.

"Cha bhi e soirbh do dhuine sam bith. Cha ghabh àrachas fhaighinn na aghaidh.

"'S dòcha gur e rud a thachradh a h-uile ceud bliadhna a th' ann.

"A thaobh an fhearainn fhèin, tha e a' crochadh air dè bha a' fàs.

"Ma thig e air feur, tha e a' salachadh an fheòir agus a' ciallachadh nach fhaigh daoine air crodh is caoraich a chur air an talamh sin 's dòcha airson na bliadhna a tha a' tighinn, mus faigh thu air a threabhadh agus fras feòir ùr a chur sìos.

"Ma tha gnothaichean a' fàs air - can buntàta no tuinneap, no currainn no rudan mar sin - bidh thu treis mhath a' feitheamh mus faigheadh tu air an talamh sin agus tha a h-uile teansa gum bi na gnothaichean sin air grodadh mus faigheadh tu air an sàbhaladh," thuirt e.