Dragh mu chrìonadh a' chladaich aig a' Ghualain an Uibhist

Bristeadh san dùn ghainmhich air a' Ghualain
- Air fhoillseachadh
Nochd draghan mu bhuaidh crìonadh a' chladaich air eilean beag san fhadhal eadar Uibhist a Deas agus Beinn nam Fadhla.
Chan eil duine a' fuireach air a' Ghualain, mar a chanas muinntir na sgìre ris an eilean, nach eil ach beagan shlatan air falbh bhon Ìochdair.
Chan eil ach mu 100m de leud agus mu 2.5km de dh'fhaid ann.
Ach tha cruth an eilein bhig air atharrachadh air sgàth buaidh a' chabhsair eadar Uibhist a Deas agus Beinn nam Fadhla air an t-sruth agus gluasad na gainmhich.

Tha dragh air Dòmhnall Iain Camshron mu mar a tha cruth a' Ghualain air atharrachadh thar nam bliadhnaichean
Tha Dòmhnall Iain Camshron na Chlàrc air Comataidh Baile an Ìochdair an Uibhist a Deas.
"Shìos am meadhan a' Ghualain tha am bealach briste agus air làn reothairt tha an làn a' dol tarsainn air an sin ach gun droch shìde idir.
"Nam bheachd fhèin, tha e riatanach rudeigin a dhèanamh ris o chionn 's mura tig sìon a dhèanamh ris thig an t-sruth a-staigh don bhealach bhriste agus ruithidh sin a-staigh chun an fhosglaidh sa chabhsair.
"Chanainnsa mar a tha an cladach a' crìonadh air a' Ghualain nach bi e fada gus an tachair sin," thuirt Mgr Camshron.

Am briseadh sa bhealach
Tha Comhairle nan Eilean Siar an dùil gainmheach a chladhach far a bheil i air càrnadh suas eadar a' Ghualain agus an t-Ìochdar agus a cur còmhla ri clachan muile far a bheil an t-eilean ìosal agus lag airson a thogail suas.
Chan eil Mgr Camshron a' faicinn gun obraich sin ge-tà agus gur dòcha gun dèan e cron.
"Bidh a' ghainmheach fosgailte agus bidh sin buailteach air siabadh neo falbh leis na sruthan," thuirt e.

Na clachan muile a th' air càrnadh suas shìos aig a' Chorran, fosgladh eadar a' Ghualain agus Lìonacleit
Tha a' Chomhairle cuideachd an dùil bacadh a chur air crìonadh a' chladaich air taobh thall na fadhla ann an Lìonacleit far a bheil am milleadh sin follaiseach.
Tha Mgr Camshron ag ràdh gum feum na cladaichean a dhèanamh nas treasa ach nach mair sin as aonais fosgladh sa chabhsair.
"Sin an rud a tha riatanach airson faighinn clear às pàirt den trioblaid a bhios againn nuair a bhios stoirmean ann agus làn àird," mhìnich e.
'S e sin am fuasgladh a tha muinntir an àite air a bhith ag iarraidh gu h-àraid on bhuail an stoirm mhòr ann an 2005.
Chuireadh an coire air a' chabhsair tarsainn na fadhla airson an tuil aig an àm sin.
'S ann às dèidh sin a chaidh an càrnadh agus an crìonadh fon phrosbaig dha-rìribh.

Chaill Dàibhidh Mac a' Phearsain còignear de a chàirdean san stoirm ann an 2005
Tha Dàibhidh Mac a' Phearsain ag aontachadh gum feumar coimhead ris a' chabhsair an toiseach.
Bhuail an stoirm ann an 2005 gu cruaidh air fhèin agus a theaghlach.
Chaill e a mhac, Eardsaidh, Murdina, bean Eardsaidh, an dithis chloinne aca, Anndra is Hannah, agus athair Murdina, Calum Caimbeul.
Tha e a' tuigsinn nas fheàrr na duine 's dòcha an t-uallach a tha an suidheachadh a' cur air muinntir na sgìre.
"Tha e a' cur dragh mòr orm agus air barrachd 's ormsa, a h-uile duine a tha a' fuireach san àite mun cuairt air an fhadhal a tha seo tha e a' cur uallaich orra.
"Chan eil reusan dhaibh a bhith a' bruidhinn ann; chan eil duine a' toirt feairt," thuirt Mgr Mac a' Phearsain.
Chuir sinn ceist air Comhairle nan Eilean siar mun a seo, agus tha sinn a' feitheamh freagairt bhuapa.