Càin air companaidh 'son cùis truaillidh sna h-Eileanan Samhraidh

Na h-Eileanan SamhraidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh càin air companaidh airson cùis truaillidh sna h-Eileanan Samhraidh.

Chuir Buidheann Àrainneachd na h-Alba (SEPA) càin £600 air Summer Isles Enterprises (SIE) an dèidh poll bho làrach togail ann an Tannara Mòr a dhol a-steach dhan mhuir.

'S e Tannara Mòr am fear as motha de na h-eileanan beaga fais air Ulapul an iar-thuath na Gàidhealtachd.

Chaidh beachd iarraidh air SIE air na thachair.

Chaidh gearan a thogail le SEPA air an 21mh den t-Sultain gun robh am poll ri fhaicinn ann am Bàgh Bhad an Tairbeirt ann an Loch Bhraoin.

Fhuair sgrùdadh a rinn a' bhuidheann àrainneachd nach deach ceumannan a ghabhail airson stad a chur air poll bho bhith air a sguabadh a-steach dhan bhàgh nuair a bha uisge mòr ann.

Tanara Mòr Tùs an deilbh, CDK GALBRAITH
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Tanara Mòr am fear as motha de na h-Eileanan Samhraidh

Thuirt Iain Dòmhnallach, bho sgioba na Gàidhealtachd agus nan Eilean mu Thuath aig Sepa, gun deach iarraidh air SIE bacaidhean a chur an sàs.

Thuirt e: "Tha e riatanach gum bi bacadh air sgaoileadh puill airson agus nach tèid aibhnichean agus lochan a thruailleadh, gu h-àraid nuair a tha trom-shileadh ann.

"Ma tha cus puill ann dh'fhaodadh e bùrn fhàgail salach agus cron a dhèanamh air èiceo-shiostaman mara agus bunstructar."

'S ann le Iain Wace, fear de na daoine as beartaiche sa Rìoghachd Aonaichte, a tha an t-eilean agus fearann eile sa sgìre.

Thug e £1.75 do Chompanaidh Leasachaidh Coimhearsnachd na Còigich airson leigeil leotha faisg air 8,000 acair de thalamh faisg air Aichilidh Bhuidhe a cheannach air a' mhìos a chaidh.

Tha a' bhuidheann air smachd a ghabhail air a' chuid as motha de dh'Oighreachd Bhad an Tairbeirt.

Cheannaich SIE an còrr den oighreachd -1,100 acair - sa bheil tràigh Achadh na h-Àirde agus ceithir eileanan beaga.