An MV Isle of Lewis air a càradh

MV Isle of Lewis
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun deach an trioblaid le prìomh einnsean an MV Isle of Lewis a chàradh.

Thuirt iad gu bheil seo a' ciallachadh gun tìll i gu seirbheis feasgar Diardaoin, le na seòlaidhean à Steòrnabhagh aig 2:30f agus à Ulapul aig 6:15f.

Chaidh na seòlaidhean eadar Steòrnabhagh is Ullapul a chur dheth a-rithist madainn Diardaoin agus trioblaid leis an einnsean, a thàinig am bàrr Diciadain, a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo