Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Taraif Chumhachd

Dh'iarr riaghladair a' chumhachd, Ofgem, air na companaidhean taraif gun cìs stèidhichte a thabhann air luchd-cleachdaidh. Sin a' chosgais nach eil ag atharrachadh a rèir 's na thèid a chleachdadh de dhealan no ghas. An àite sin bhiodh taraif ùr ann le prìs nas motha air gach aonad chumhachd.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha deasbad ann an-diugh air ùghdarrasan ionadail nas lugha a chur an àite Comhairle na Gàidhealtachd. Tha naoinear bhall a' moladh a' Chomhairle a bhriseadh suas oir, tha iad ag ràdh, tha sgìre na Comhairle ro mhòr airson seirbheis cheart a thoirt dhan a h-uile coimhearsnachd.

Agus bidh deasbad aig Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd mun chòrr is £1,000,200 a bharrachd air na bu chòir a chaidh a phàigheadh do chòrr is 600 duine a bha ag obair aig an ùghdarras ionadail. Thàinig dearbhadh air an t-suim bho cheannard na Comhairle, Raymond Bremner. 'S e mearachd cunntasachd a bu choireach agus tha a' Chomhairle air a' mhòr-chuid den airgead fhaighinn air ais ach £400,000.

Catherine Calderwood

Chaidh innse do sheann Àrd-oifigeach Meadaigeach na h-Alba, an Dr Catherine Calderwood, nach tig oirre, air adhbharan slàinte fianais a thoirt do rannsachadh Chovid na Rìoghachd Aonaichte. Fhuair an dotair, a dh'fhàg a dreuchd aig àm a' phandemic an dèidh riaghailtean a' ghlasaidh a bhriseadh, faochadh bliadhna sa chiad dol a-mach an dèidh teisteanas mu a slàinte. Tha a' Bhan-Uasal Hallett a tha os cionn an rannsachaidh ag ràdh a-niste nach fheum an Dr Calderwood fianais a thoirt seachad idir, ach gu bheil an co-dhùnadh sin a' crochadh air am faodadh a suidheachadh atharrachadh.

Seirbheis Adhair

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh seirbheis adhair còig là san t-seachdain seach trì eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh airson cùisean a dhèanamh nas fhasa do dh'euslaintich a dh'fheumas siubhal gu goireasan slàinte. Tha iad cuideachd ag iarraidh cabhaig leis na bàtaichean-aiseig ùra do Chaolas Bharraigh agus na Hearadh. Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad duilich mun bhuaidh a thug cùmhnant ùr PSO nan seirbheisean adhair air euslaintich 's gu bheil iad a' dèanamh an dìchill cuideachadh a thoirt dhan a h-uile duine san t-suidheachadh sin.

Ionad Dhrugaichean

Chaidh maill air fosgladh ionaid ùir ann an Glaschu anns am faodar drugaichean a ghabhail gu laghail agus fo chùram. Bha an t-ionad ri fosgladh san Dàmhair ach tha sgrùdadh ann fhathast air an togalach agus chan eil cinnt cuin a dh'fhosglas e.

Ionnsaigh Choin

Tha dithis an grèim an dèidh do chù droch ionnsaigh a thoirt air leanabh ann an Hawking ann an Kent feasgar an-dè. Tha an nighean bheag, a tha ochd bliadhna de dh'aois, ìosal san ospadal ann an Lunnainn.