Naidheachdan 11:00m
Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
Gàsa
Bha sreath spreadhaidhean ann an ceann a tuath Ghàsa air feadh na h-oidhche le ionnsaighean-adhair Iosraelach cho mòr 's a th' air a bhith ann bho thòisich an cogadh an aghaidh Hamas. Chuir diofar bhuidhnean an UN aithris a-mach eadar iad an-diugh ag iarraidh fosadh san t-sabaid gus am faigh cobhair gu ruige Ghàsa. Tha an aithris a' togail dragh cuideachd mun àireamh shìobhaltach a tha a' call am beatha.
An Ucràin
Thuirt oifigich ann an ceann a deas na h-Ucràin gun do dh'fhuiling sgìre Kherson an ionnsaigh bhomaichean as motha bho thòisich an cogadh an sin sa Ghearran an-uiridh. Thuirt Minsitearealachd na Dùthcha gun do leag an Ruis 87 boma air an sgìre a-raoir.
Dùn Èideann
Tha deasbad às ùr ann mu reic lasraichean teine ris a' mhòr-shluagh an dèidh ionnsaighean air poilis aig tachartasan Guy Fawkes ann an Dùn Èideann, Glaschu agus Dùn Dè a-raoir. Thuirt poilis gun deach ochdnar oifigearan a ghoirteachadh nuair a chaidh lasraichean agus bomaichean peatroil a thilgeil orra ann an sgìre Niddrie ann an Dùn Èideann.
British Steel
Tha dragh ann gum faodadh cho mòr ri 2,000 cosnadh falbh le plana British Steel fùirneis a dhùnadh aig an ionad ann an Scunthorpe. Tha a' bhuidheann Shìonach Jingye, dham buin British Steel am beachd dà fhùirneis ùr dealain a chur na h-àite ann an Scunthorpe agus Teesside. Thuirt an Riaghaltas nach eil an t-seann fhùirneis blast ann an Scunthorpe èifeachdach no math dhan àrainneachd.
An Cuan a Tuath
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte am beachd an lagh atharrachadh gus an tèid aca air cead a thoirt seachad a h-uile bliadhna do phròiseactan ola is gas às ùr anns a' Chuan a Tuath. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun cuir sin dìon air tèarainteachd chumhachd Bhreatainn. Tha na Làbaraich ag ràdh nach toir iad ceadan ùra seachad ma 's iad an ath Riaghaltas an dèidh an ath Thaghaidh Choitchinn.
Companaidhean Cumhachd
Thuirt an Ombudsman gun tàinig àrdachadh 84% ann am-bliadhna air an àireamh dhaoine a rinn gearain riutha mu na companaidhean cumhachd. Bha 37,000 gearain oifigeil ann eadar an Giblean 's an t-Ògmhios am-bliadhna. Bha a' mhòr-chuid dhiubh sin mu dè chaidh a chur am feum de ghas is dealan, chunntasan agus leughadh mheatairean.