Chan fhaigh daoine ùra dotair an Cùil Lodair

Ionad-dhotair Chùil LodairTùs an deilbh, Richard Dorrell/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha dà ionad-dhotair ann an Cùil Lodair, air iomall Inbhir Nis, ag ràdh nach urrainn dhaibh euslaintich ùra sam bith a ghabhail.

Bho 1997, tha an àireamh euslainteach aca, eadar Cùil Lodair agus Baile a' Ghobhainn, air dùblachadh, agus mòran thaighean air an togail san sgìre.

Tha an dà ionad-dhotair ag obair san aon togalach.

B' àbhaist 7,000 euslainteach a bhith eatorra, ach tha a-niste còrr is 13,000 clàraichte aca.

Ath-sgrùdadh

Bha bruidhinn ann air ionad-slàinte ùr a thogail san sgìre, ach tha na h-ionadan dotair ag ràdh nach eil airgead aig NHS na Gàidhealtachd airson sin a thoirt gu buil.

Thuirt an dà ionad gun robh iad air a bhith ann an còmhraidhean le NHS na Gàidhealtachd airson grunn bhliadhnaichean mu thogalach ùr a chur air dòigh.

"Tha pìos fearainn againn air a chomharrachadh an lùib leasachaidh Stratton a tha san amharc," thuirt an Comh. Trish Robasdan, a tha a' riochdachadh na sgìre.

"Tha sin air a bhith ri fhaighinn bho 2017 airson ionad-dhotair ùir.

"Gu mì-fhortanach ge-tà, tha coltas ann gu bheil leisg air an NHS sin a dhèanamh.

"Tha mi air tadhal air an NHS agus thuirt iad gun robh iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air ionadan-dotair ann an Inbhir Nis.

"Tha grunn bhliadhnaichean bhon uairsin a-niste, 's cha chuala mi toradh an ath-sgrùdaidh sin, no fiù 's an deach e air adhart.

"San eadar-ama, tha daoine an seo a' strì gus cothrom fhaighinn dotair fhaicinn.

"Tha 5,000 taigh againn an seo, agus 5,000 taigh ann an Tòrr na Grèine.

"Bidh gach cuid feumach air seirbheisean dotair.

"Bidh gach cuid feumach air sgoiltean.

"Bidh gach cuid feumach air na goireasan uile ris a bheil dùil againn ann an coimhearsnachd," thuirt i.

Thuirt am bòrd-slàinte gum biodh iad a' cumail taic ris na h-ionadan dotaireachd le fuasgladh a lorg dha na trioblaidean aca.

Thuirt iad, leis gu bheil gainnead airgid-chalpa ann an-dràsta airson togalaichean ùra, gum feumar fuasgladh fhaighinn ann an dòighean eile.