Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Òraid an Rìgh

Tha an Rìgh Teàrlach ag ullachadh airson Òraid Fosglaidh na Pàrlamaid ann an Westminster an ceann leth-uair, anns am bi mìneachadh air reachdas an Riaghltais. Tha dùil, am measg rudan eile, ri planaichean airson cuairt cheadachd gach bliadhna do phròiseactan ola is gas ùra sa Chuan a Tuath. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun dearbh sin tèarainteachd chumhachd na dùthcha.

Bun-ìre Sheirbheis

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach gabh iad ris an reachdas ann an òraid an Rìgh air an ìre as lugha seirbheis. Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air lagh ùr a nì cinnteach mar eisimpleir gum bi air a' char as lugha mu 40% de sheirbheisean rèile a' ruith aig àm stailce, agus bheireadh an lagh sin buaidh air Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun dèanadh an lagh ùr dìmeas air na h-aonaidhean agus air cothromachd anns an àite-obrach.

Gàsa

Thuirt Prìomhaire Iosrael gun gabh iad smachd air tèarainteachd ann an Gàsa airson ùine cho fada 's a chì iad iomchaidh. Thuirt Benjamin Netanyahu a-rithist nach bi fois-fhòirneirt ann - ach gum faodadh fosadh goirid a bhith ann bho àm gu àm airson gum faigh cobhair a-steach 's gum faigh feadhainn a bha am bruid a-mach.

An Roinn Chruthachail

Tha comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil na h-ealain agus cultar a' fulang gu mòr le cion-airgid. Tha aithisg Comataidh a' Chultair aig Holyrood ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba misneachd a thoirt dha na roinnean sin a-rithist. Gheall am Prìomh Mhinistear, Humza Yousaf, bho chionn ghoirid, gun cuir an Riaghaltas £100m ris na h-ealain is cultar air an ath chòig bliadhna. 'S tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh mun sin sa bhuidseat air an ath-mhìos.

Ratharsair

Bha Eilean Ratharsair às aonais an dealain fad na h-oidhche an-raoir. Chaidh an dealan dheth goirid ro 5:00f an-dè. Thuirt SSE gun deach gineadair a chur a Ratharsair an-diugh a chruthaicheas dealan gus an tèid an càball a chàradh. Thuirt SSE gu bheil iad duilich mun bhriseadh anns an t-seirbheis, agus gu bheil luchd-einnsinnìridh a' feuchainn ris an dealan a thilleadh cho luath 's a ghabhas dèanamh.