Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Gàsa

Thuirt arm Iosrael gun d' fhuair iad corp boireannaich, saighdear a bha 19 bliadhna de dh'aois, ann an togalach faisg air Ospadal Al-Shifa ann an Gàsa. Bha Noa Marciano am measg 240 duine leis an do dh'fhalbh Hamas ann an ionnsaigh air Iosrael air an 7mh là den Dàmhair. A rèir Iosrael sin an dàrna corp a fhuair iad ann. Agus thuirt Prìomhaire Iosrael, Benjamin Netanyahu, an-diugh gun do theich comanndairean Hamas às an ospadal mus do thòisich rèad nam feachdan Iosraelach air an togalach Dimàirt.

Rwanda

Thuirt seann Rùnaire na Dùthcha, Suella Braverman, nach eil ann an oidhirp an Riaghaltais ath-bheothachadh a thoirt air plana fògarrach Rwanda ach cha mhòr an aon dreach air an sgeama a bh' ann. Thuirt Ms Braverman gu bheil dreach a' phlana a-niste a' ciallachadh nach bi luchd-siridh comraich a' dol a Rwanda ron ath thaghadh choitcheann. Agus, ann na artaigil san Daily Telegraph, thuirt i gum feum an Riaghaltas sa phlana ùr dòigh a dhealbh air stad a chur air tagraidhean laghail an aghaidh na sgeama. Tha am Prìomhaire, Rishi Sunak, ag ullachadh reachdais ùir an dèidh riaghlaidh bhon Phrìomh Chùirt gun robh am poileasaidh mar a bha e mì-laghail.

Cùmhnant nan Aiseagan

Nì Riaghaltas na h-Alba rannsachadh an leig riaghailtean leotha cùmhnant sheirbheisean aiseig a' chosta an iar a thoirt dìreach gu CalMac gun phròiseas tairgse. Thig an cùmhnant a th' ann gu ceann anns an t-Sultain an ath-bhliadhna, agus thuirt Ministear na Còmhdhail, Fiona Hyslop, ma 's e 's gum faigh CalMac cùmhnant uair eile gum feum adhartas mòr tighinn air na seirbheisean aca. Thuirt fear-gnothaich às na h-Eileanan, Dòmhnall Eòsa MacIllEathain, aig Barratlantic, nach ann air CalMac a tha esan a' cur coire airson staid nan seirbheisean aiseig, ach air Riaghaltas na h-Alba agus air CMAL, agus thuirt e gum bu chòir an deasbad mu chùmhnant ùr a chleachdadh mar chothrom cur às de CMAL.

Poileasaidhean Uaine

Tha ceannardan a' Phàrtaidh Làbaraich ann an Obar Dheathain an-diugh le planaichean ùra airson poileasaidhean uaine. Tha Sir Keir Starmer agus Annas Sarwar, ag ràdh gum bi cosgaisean cumhachd nas lugha air daoine le plana a' phàrtaidh. Tha an gnìomhachas air cùl chùisean ag iarraidh air Sir Keir seasamh nan Làbarach an aghaidh leasachaidhean ùra ola is gas a lagachadh.

Neo-eisimeileachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh pàipeir eile an-diugh anns an t-sreath mu srataidsidh airson neo-eisimeileachd. Tha dùil ri fiosrachadh mu bhallrachd san Aonadh Eòrpach do dh'Alba neo-eisimeilich. Tha na pàrtaidhean dùbhlanach ag ràdh ge-tà, gum bu chòir aire an Riaghaltais a bhith air gnothaichean cudromach mar chosgaisean bith-beò.