Dragh gun geàrr a' mhuir dheth baile ann am Moireibh

Kingston
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid baile air costa Mhoireibh a ghearradh dheth mura tèid barrachd a dhèanamh gus stad a chur air crìonadh a' chladaich.

Sin a rèir mhuinntir bhaile Khingston, aig beul Uisge Spè.

Tha dragh air cuid gun dèan an ath stoirm eilean dheth.

Chaidh Kingston on Spey a stèidheachadh mar bhaile do luchd-togail shoithichean nuair a bha bàtaichean mòra fiodha gan togail aig beul Uisge Spè aig deireadh na 18mh Linne.

Tha muinntir a' bhaile ag ràdh gu bheil atharrachaidhean ann an rianachd na h-aibhne is crìonadh nan cladaichean ga chur ann an cunnart a-nis.

Thathas ag ràdh gu bheil tràigh Khingston air gluasad air ais 40 meatar thairis air a 15 bliadhna mu dheireadh.

Thuirt Comhairle Mhoireibh gu bheil iad ag obair air plana airson dèiligeadh ri atharrachaidhean mun chosta, agus gun tèid sin fhoillseachadh as t-Earrach.

Tha cuid ann an Kinsgton ag ràdh gur e gnìomh seach planaichean a tha a dhìth ge-tà, airson an t-àite a dhìon.

"Cha chreideadh tu mar a tha an cladach air crìonadh an seo," thirt Jim Mackie, a tha 73 's a chaidh a thogail faisg air làimh.

"Tha a' mhuir a' sìor theannadh air a' bhaile.

"Tha trioblaidean againn mar-thà le seirbheisean èiginneach ga fhaighinn doirbh tighinn thugainn nuair a bhios tuil ann no reothairt ann. Chan fhaigh iad a-steach.

"Nuair a bhriseas a' mhuir troimhe, bidh Kingston air a ghearradh dheth.

"Cha bhi luach sam bith sna taighean, cha tèid aig daoine air an reic, air na morgaidsean aca a choileanadh."

Call Thaighean

Tha cuimhne aig Mgr Mackie air taighean fhaicinn gan call dhan Spè nuair a bha e 10 bliadhna de dh'aois.

"Thàinig an abhainn seachad air seo, bha daoine air tighinn cruinn oir bha dùil gum falbhadh an taigh.

"Thachair e gu math mall - chaidh iomall an taighe as fhaisge air an abhainn sìos, 's shlaod cùl an taighe mean air mhean dhan uisge mar bhàta ga chur air bhog."

Thuirt labhraiche às leth Comhairle Mhoireibh: "Tha na Planaichean mu Choinneimh Atharrachaidh Cladaich a tha sinn ag ullachadh còmhla ri buidhnean le ùidh an seo, a' toirt a-steach choimhearsnachdan a' chladaich, ag amas air na tha ag adhbharachadh seo aithneachadh, leithid chunnartan, atharrachadh na gnàth-shìde, figearan sluaigh, agus cothroman leasachaidh is eaconomach.

"Thèid sùil a chumail air na buaidhean seo, 's measadh a dhèanamh air atharrachaidhean feuch co-dhiù tha iad a rèir nan ìrean fo am feum sinn a dhol an sàs airson atharrachadh a' chladaich a stiùireadh.

"Ma thachras sin, thèid co-chomhairle a dhèanamh le buidhnean le ùidh."

Thuirt NàdarAlba gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil dragh dha-rìribh air daoine ann an Kingston mu stoirmean agus thuiltean, agus gu bheil iad a' toirt taic do dh'obair leantainnich Comhairle Mhoireibh.

"Tha sinn gam moladh leis gur iad a' chiad ùghdarras ionadail a leasaich leithid seo de phlanaichean, a tha ag amas air coimhearsnachdan a chumail seasmhach mu choinneimh chunnartan a bharrachd bhon aimsir mu na cladaichean," thuirt iad.

"Cuidichidh e sinn a bhith ullaichte agus ag obair còmhla ri nàdar, seach na aghaidh, ann a bhith a' dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde."