Reothadh fharaidhean aiseig ga leudachadh

- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gun deach reothadh air prìs thiceadan aiseig do choimhearsnachdan eileanach a leudachadh.
Fuirichidh prìsean air lìonra nan Eilean Siar is Cluaidh, agus anns na h-Eileanan mu Thuath, mar a tha iad chun a' Mhàirt 2024.
Chaidh an reothadh ainmeachadh an toiseach anns an Fhaoilleach am-bliadhna.
Thuirt an Riaghaltas gum bi an reothadh na chuideachadh do choimhearsnachdan eileanach "a tha a' crochadh air na seirbheisean riatanach seo".
Dùbhlain mu choinneimh choimhearsnachdan
Thuirt Ministear ùr na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gu bheil ministearan "gu math mothachail" dha na dùbhlain a tha mu choinneimh choimhearsnachdan eileanach.
"Tha e fìor chudromach taic a thoirt do dhaoine gu h-àraid leis a' bhuaidh a tha staing nan cosgaisean bith-beò a' toirt," thuirt i.
"San fharsaingeachd, tha seirbheisean nan aiseagan air a bhith làidir, agus tha e làidir, ach nuair a thèid soitheach a thoirt air falbh tha buile mhòr aige sin."
Thuirt am Ministear cuideachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air faraidhean aiseig san àm ri teachd ach an gabh seirbheisean cumail seasmhach, reusanta agus cothromach, 's gun tèid beachdan eileanach a shireadh an lùib sin.