Rabhadh mu theintean monaidh

Neach-smàlaidh a' strì gus teine a mhùchadh
  • Air fhoillseachadh

Thug Seirbheis Smàlaidh na h-Alba rabhadh eile seachad gu bheil cunnart ann gum faodadh teintean monaidh a bhith ann an sgìrean de dh'Alba thairis air an deireadh sheachdain.

Tha dùil gum bi i blàth agus tioram thairis air na làithean a tha romhainn.

Tha rabhaidhean ann gu sònraichte airson pàirtean den Ghàidhealtachd, Dùn Phrìs agus Ghall Ghàidhealaibh agus anns na Crìochan.

Tha rabhadh air nochdadh às dèidh mar a bh' aig luchd-smàlaidh ri strì le teine mòintich ann an Canaich fad cha mhòr cola-deug.

Rinn an teine sgrios air pìos mòr mòintich agus coille faisg air tearmann an RSPB.

Chaidh dealbhan a thogail den cheò le saideal bhon fhànas, nuair a bha an teine aig a' char as miosa.

Bha teintean cuideachd ann beagan tuath air Glaschu an t-seachdain seo.

Chaidh heileacoptair a chleachdadh gus sùil a chumail air an àite air eagal 's gun rachadh e na smàl a-rithist.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh na h-Alba nach eil na teintean seo air an cur gu dol a dh' aona-ghnothach sa chumantas.

Ach chuir iad ìmpidh air daoine a bhith faiceallach air an deireadh sheachdain gu seachd àraid iadsan a tha an dùil a bhith ri còcaireachd air a bhlàr a-muigh, no a tha a' faighinn caoidhteas toitean, agus sùil a chumail air teintean sam bith cho fad 's a tha iad a' dol.