BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
Ùraichte air: 02 An Dùbhlachd, 2011 - Air fhoillseachadh aig 09:57 BST
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Siostam ùr faraidhean gu bhith "nas sùbailte"
MV Muirneag
Bidh sgeama ùr a' dol an àite RET son companaidhean bathair
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi sgeama ùr son faraidhean aiseig nas saora do chompanaidhean bathair sùbailte agus a rèir na dh'innseas na companaidhean dhaibh.

Dh'fhoillsich an riaghaltas an t-seachdain seo nach bi sgeama RET ann son companaidhean bathair tuilleadh.

Thèid iad gu siostam eile a bhios stèidhichte air an sgeama lughdachaidh a bh'ann do chompanaidhean bathair ro RET.

Iomagain

Tha sin air iomagain a chur air cuid de chompanaidhean is iad ag ràdh gun tèid na cosgaisean aca an àird.

Bha an siostam a bh'ann ro RET a' toirt lughdachadh faraidhean do chompanaidhean a bha tric a' cleachadh slighe.

Bha companaidhean beaga gu h-àraidh a' gearain nach robh làraidhean gu leòr aca son cothrom fhaighinn air na faraidhean nas saoire.

Sùbailte

A-nise tha an riaghaltas ag ràdh gum bidh an sgeama ùr "nas sùbailte" na am fear a bh'ann roimhe.

Thuirt iad gu bheil iad airson cluinntinn bho na companaidhean fhèin is gu bheil cothrom ann atharrachaidhean a dhèanamh air an sgeama ùr a rèir na beachdan a gheibh iad.

Thuirt an riaghaltas cuideachd gum faigh companaidhean bathair suas ri 25% bho na faraidhean aca, suas bho 15% san t-seann siostam ro RET.

Dhearbh an riaghaltas cuideachd gum bi an sgeama RET air Caolas Bharraigh is Caolas na Hearadh, nuair a thig e, ag obair san aon dòigh sa tha e air na slighean eile air a bheil RET.

CEANGALAICHEAN IONADAIL
Mì-chinnt mu atharrachadh RET
30 An t-Samhain, 2011 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy