Ceannard BSGI a' falbh
- Air fhoillseachadh

Bha an sgoil fad ceithir bliadhna às aonais cheannaird làn-ùine.
Fàgaidh ceannard Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a dheuchd às dèidh nas lugha na naoi mìosan innte gu h-oifigeil.
Chaidh Seumas Lyon a chur dhan dreuchd an dèidh ceithir bliadhna den sgoil a bhith gun cheannard oifigeil làn-ùine, air dha fhèin a bhith ag obair mar cheannard thar grunn mhìosan.
Tha e air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Fhuair pàrantan fios gu bheil e gu bhith a' gluasad air falbh, rud a chuir iongnadh air gu leòr aca.
B' i Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' chiad sgoil ùr a chaidh a thogail bho làr gu bàrr gu sònraichte airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Dh'fhosgail i ann an 2007.
Ach fad ceithir bliadhna bha duilgheadas aig Comhairle na Gàidhealtachd ann a bhith a' faighinn ceannard làn-ùine.
Chaidh tidsear às an t-Suain a bh' air a bhith ag obair mar cheannard na sgoile a dhiùltadh mar cheannard làn-ùine anns an t-Samhain 2012.
Thog buidheann Eòrpach airson mhion-chànanan dragh mu bhith a' fastadh cuideigin nach robh fileanta sa Ghàidhlig mar cheannard.
Sgrìobh Lìonra Eòrpach na Co-ionnanachd Cànain chun na Comhairle ag iarraidh orra dòighean eile a lorg gus cuideigin le Gàidhlig a chur dhan dreuchd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Samhain 2013

- Air fhoillseachadh8 An Dàmhair 2013
