Plana-gnìomh airson na Gàidhlig - gun àite do BhnaG

  • Air fhoillseachadh
Mìchael Foxley
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an Dr Mìcheal Foxley na fhear-gairm air Comhairle na Gàidhealtachd agus gu mòr a' cur taic ris a' Ghàidhlig.

Tha dithis a bha aig àrd-ìre aig Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bu chòir plana-gnìomh a dhealbh airson a' Ghàidhlig a chuideachadh tro staing a' Choròna-bhìorais.

Thuirt an Dr Mìchael Foxley agus Bruce Robasdan ge-tà, nach bu chòir gnothach a bhith aig Bòrd na Gàidhlig ris.

Thuirt an dithis gu bheil am Bòrd "fhathast a' fàiligeadh" is gum bu chòir pàirt de bhuidseat na buidhne a chleachdadh airson a' phlana a tha san amharc aca.

Leasachadh

Bha an Dr Foxley roimhe na fhear-gairm air Comhairle na Gàidhealtachd is tha e air taic a chumail ri leasachadh na Gàidhlig fad iomadh bliadhna.

Bha Mgr Robasdan na stiùiriche foghlaim aig a' Chomhairle is bha e am measg eile cuideachd na àrd-oifigear eadar-amail aig Bòrd na Gàidhlig.

Ann am brath-naidheachd thuirt am Bòrd gun do ghluais iad gu luath is gu sùbailte gus dèanamh cinnteach gun robh maoineachadh do bhuidhnean leantainneach, agus, air sàilleibh seo, thuirt iad gun tàinig dòighean ùra is cruthachail a-steach airson a bhith a' smaoineachadh is a' lìbhrigeadh rè a' ghlasaidh.

"Tha sinn tuilleadh is riaraichte gu bheil an obair a tha na buidhnean seo a' lìbhrigeadh ann an iomairtean ionadail is nàiseanta èifeachdach ann a bhith a' cumail taic ri sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san t-suidheachadh dhuilich seo.

"Tha Bòrd na Gàidhlig air Maoin Taic Covid-19 a chur air bhog cuideachd o chionn ghoirid le amas taic a chumail ri buidhnean le bhith a' tighinn am feabhas agus airson 's gun gabh goireasan agus seirbheisean a chumas taic ris a' Ghàidhlig a leasachadh fhad 's a tha bacaidhean fhathast ann" thuirt iad.

Dùbhlan

Tha Mgr Foxley is Mgr Robasdan den bheachd gu bheil suidheachadh a' Choròna-bhìorais na dhùbhlan dha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu sònraichte - dragh a thog Comann nam Pàrant anns na seachdainean mu dheireadh - is gu bheil feum air plana-gnìomh cho luath 's a ghabhas.

"Tha Covid-19 air milleadh uabhasach a dhèanamh air foghlam agus tha coltas ann nach bi sgoilearan a' tilleadh dhan sgoil làn-ùine airson treis", thuirt Bruce Robasdan.

"Tha cunnart an seo gun tèid a' Ghàidhlig fhàgail air an iomall ann an sgoiltean is le ùghdarrasan foghlaim, rud a dh'fheumas a bhith air a sheachnadh", thuirt e.

Dh'innis an dithis gum bu chòir do Shabhal Mòr Ostaig, na h-oilthighean, ùghdarrasan foghlaim, buidhnean ionadail is nàiseanta - cho math ri tidsearan fhèin - a bhith an sàs sa phlana.

'S e "buidheann neo-eisimileach de dh'eòlaichean" a bhiodh ann "le targaidean is cinn-là shoilleir".

Thog Mgr Robasdan air soirbheachas e-Sgoil is e ag ràdh gur e modal a tha seo airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san staing a th' ann.

Taic

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil cuid de na buidhnean a chruthaich na goireasan air-loidhne air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith a' cumail taic ri seo agus a' dèanamh cinnteach gu bheil taic ann do thidsearan, pàrantan agus daoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

"Tha Bòrd na Gàidhlig agus na buidhnean a bhios sinn a maoineachadh deiseil gus taic a chumail ri ùghdarrasan ionadail fhad 's a dhearbhaicheas iad an cuid phlanaichean airson ionnsachadh co-mheasgaichte agus tha sinn mar-thà an sàs ann an còmhraidhean aig ìre ionadail agus nàiseanta" thuirt iad.

Ach chan eil Mgr Foxley riaraichte mu mar a dhèilig a' Bhòrd le cùisean Covid-19

"Dh'fhoillsich am Bòrd freagairt dha staing a' Choròna-bhìorais sa Chèitean ach 's e cothrom caillte a bh' ann", thuirt e.

"Bha còir aca a bhith air clàr-ama soilleir a chur air dòigh agus plana-gnìomh airson an cànan a thoirt air adhart, aig àm nuair a bhios ionmhas na dhùbhlan.

"An àite sin, dh'fhoillsich am Bòrd liosta de dhuilgheadasan is gun mìneachadh air mar a bha iad an dùil dèiligeadh riutha.

"Dè tha am Bòrd air a bhith a' dèanamh nuair a bha na milleanan de dhaoine air fòrladh, daoine air na h-obraichean aca a chall, is sgoiltean dùinte?

"Tha feum againn air plana-gnìomh ach cha bu chòir dhan Bhòrd a sgrìobhadh is iad air earbsa dhaoine a chall", thuirt e.

Càineadh

Thog an Dr Foxley air aithisg, taobh a-muigh bho Bhuidheann-sgrùdaidh na h-Alba an-uiridh a rinn càineadh air Bòrd na Gàidhlig.

Thuirt e gu bheil e den bheachd nach eil leasachadh a' tighinn air a' bhuidhinn.

"Tha sinn a' faireachdainn nach eil na sgilean aig a' Bhòrd airson a' Ghàidhlig a stiùireadh a-mach às an staing a th' ann.

"Tha am Bòrd fhathast a' fàiligeadh, mar a chunnaic sinn le aithisg Buidheann-sgrùdaidh na h-Alba. Tha ceist ann dè dha-rìribh a tha Bòrd na Gàidhlig a' dèanamh airson na Gàidhlig san là a th' ann", thuirt e.

A' freagairt, thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad air a bhith ag obair gu cruaidh bho thoiseach èiginn Covid-19, le compàirtichean air feadh coimhearsnachdan na Gàidhlig, ùghdarrasan ionadail agus Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil cleachdadh na Gàidhlig a' leantainn aig an taigh leis an àireimh as motha de dhaoine.

Dh'iarr Mgr Foxley is Mgr Robasdan gun tèid sgùir rè-ùine air planaichean Gàidhlig ullachadh agus an t-airgead a chosg airson a' phlana a tha san amharc acasan.

Mar phàirt den phlana, tha iad cuideachd ag iarraidh gun tèid coimhead ri àite is inbhe Bhòrd na Gàidhlig.

Thuirt iad nach tèid a' Ghàidhlig a ghlèidheadh ma leanas na dòighean-obrach a th' air a bhith ann anns na 15 bliadhna mu dheireadh 's tha iad air na molaidhean a chur gu Rùnaire an Fhoghlaim.

Dìon

Ann am brath-naidheachd thuirt Bòrd na Gàidhlig, bho thoiseach èiginn Covid-19, gu bheil iad air a bhith ag obair gu cruaidh le compàirtichean air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig, ùghdarrasan poblach agus le Riaghaltas na h-Alba "gus dèanamh cinnteach gu bheil cleachdadh na Gàidhlig a' leantainn aig an taigh leis an àireimh as motha de dhaoine aig an àm dhuilich seo".

Thuirt iad gun do ghluais am Bòrd gu luath is gu sùbailte gus dèanamh cinnteach gun robh maoineachadh do bhuidhnean leantainneach, agus, air sàilleibh seo, gun tàinig dòighean ùra is cruthachail a-steach airson a bhith a' smaoineachadh is a' lìbhrigeadh rè a' ghlasaidh.

"Tha sinn tuilleadh is riaraichte gu bheil an obair a tha na buidhnean seo a' lìbhrigeadh ann an iomairtean ionadail is nàiseanta èifeachdach ann a bhith a' cumail taic ri sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san t-suidheachadh dhuilich seo" thuirt iad.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air maoin taic Covid-19 a chur air bhog o chionn ghoirid le amas taic a chumail ri buidhnean le bhith a' tighinn am feabhas agus airson 's gun gabh goireasan agus seirbheisean a chumas taic ris a' Ghàidhlig a leasachadh fhad 's a tha bacaidhean fhathast ann.

"Tha sinn air a bhith a' putadh Riaghaltas na h-Alba gus comhairle a thoirt seachad air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha sinn air a bhith a' brosnachadh bhuidhnean Gàidhlig eile gus taic a chumail ris an iomairt sin. Mar thoradh air seo, chaidh Nota Comhairleachaidh ullachadh agus tha e ri foillseachadh a dh'aithghearr. Bheir e seachad fiosrachadh do na h-ùghdarrasan ionadail a tha an urra ri foghlam a lìbhrigeadh" thuirt iad.

"Tha Sgioba Foghlaim a' Bhùird air a bhith ag obair le Foghlam Alba a tha an-dràsta a' measadh planadh nan ùghdarrasan ionadail airson tilleadh dhan sgoil, agus tha iad cuideachd an sàs ann a bhith a' cruthachadh pròiseas Measadh Buaidh Tòiseachail a chumas taic ri ùghdarrasan ionadail ann a bhith ag ath-fhosgladh nan sgoiltean gu soirbheachail."

"Tha Bòrd na Gàidhlig agus na buidhnean a bhios sinn a' maoineachadh deiseil gus taic a chumail ri ùghdarrasan ionadail fhad 's a dhearbhaicheas iad an cuid phlanaichean airson ionnsachadh co-mheasgaichte agus tha sinn mar-thà an sàs ann an còmhraidhean aig ìre ionadail agus nàiseanta" thuirt iad.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh