Còmhdaichean-aodainn airson àrd-sgoiltean

  • Air fhoillseachadh
Sgoilearan le còmhdaichean-aodainnTùs an deilbh, Getty Images

Thèid còmhdaichean-aodainn a thoirt a-steach airson trannsachan agus àiteachan cruinneachaidh ann an àrd-sgoiltean na h-Alba.

Tha Riaghaltas na h-Alba ann an co-chomhairleachadh le sgoiltean is comhairlean mun seo an-dràsta fhèin.

Chuala sinn Diluain gun robh grunn sgoiltean air seo a dhèanamh air an ceann fhèin, dhà air Ghàidhealtachd nam measg.

Tha Buidheann Slàinte na Cruinne air comhairle ùr a chur a-mach ag ràdh gum bu chòir mascaichean a bhith air cloinn nas sine na 12 bliadhna a dh' aois - agus thuirt am Prìomh Mhinistear gur e sin a thug oirre a thighinn gu co-dhùnadh mu masgaichean ann an àrd-sgoiltean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo