Ùghdarras ionadail fa leth dhan Eilean Sgitheanach?

  • Air fhoillseachadh
An t-Eilean SgitheanachTùs an deilbh, Maree NicNeacail

Tha cuid de Sgitheanaich den bheachd gum bu chòir ùghdarras ionadail fa leth a bhith ann airson an eilein.

Tha an t-iarrtas a' tighinn 's iad den bheachd nach eil Comhairle na Gàidhealtachd a' freagairt idir air feumalachdan an eilein 'san là a tha ann.

Dh'iarr ball pàrlamaid na sgìre, Iain Blackford, gun tèid co-chomhairleachadh a chumail air structar ùr a thaobh riaghladh ionadail air a' Ghàidhealtachd.

Bacadh

Thuirt esan gu bheil sgìre na comhairle ro mhòr agus a' cuir bacadh air deamocrasaidh.

Tha mòran air a bhith a' gearain nach eil pròiseactan bun-structar gan cur air bhonn anns an Eilean Sgitheanach 's nach eil cus den t-airgead a fhuair Inbhir Nis agus na sgìrean ann an aonta baile luach £300m ga chosg san eilean.

Thuirt Mgr Blackford gu feumar prìomhachas a thoirt do sgìrean air feadh na Gàidhealtachd airson an t-airgead sin a chosg.

"Feumar a bhith cothromach ri na sgìrean air fad, agus tha mi smaoinneachadh taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad mothachail gu feum sin tachairt.

Breithneachadh

"Ciamar is urrainn dhut a ràdh gur i comhairle ionadail a th'ann nuair a dh'fheumas cuideigin siubhal 130 mìle bho cheann a tuath an Eilean Sgitheanaich airson coinneamh ann an Inbhir Nis 's far a bheil comhairlichean ann an Cataibh is Gallaibh a' breithneachadh air cùisean anns an Eilean Sgitheanach.

"Chan eil mi smaointinn gu bheil sin ceart, ach tha mi smaointinn gu feum sin sùil gheur a thoirt air mar a tha sinn a' toirt seachad na seirbheisean sin ach bu chòir na co-dhùnaidhean a bhith air an dèanamh anns na sgìrean ionadail", thuirt e.

A-rèir Faye NicThòmais a tha sgrìobhadh duilleag air-loighne, Skye Matters, tha barrachd is barrachd eileanaich den bheachd nach eil cùisean cothromach.

"Tha sinn a' cur na ceudan mhileannan notaichean gu eaconamaidh na h-Alba agus tha mòran a' cur ris a bheachd gum bu chòir comhairle fa leth a bhith againn.

Cuamhachd

"Bheireadh e dhuinn barrachd cumhachd agus èisteachd nas fheàrr", thuirt i.

Tha cuid airson a' chùis a' rannsachadh gu mionaideach mus tèid co-dhùnadh sam bith a dhèanamh.

Tha an Comh. Iain Fionnlasdan nam measg agus e ag ràdh gu feumar cuimhneachadh gu bheil tòrr ionmhais a' tighinn a dh'Inbhir Nis a thaobh cìsean comhairle is rudan eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo