Plana fastaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd ga stad rè-ùine

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Chuir comhairlichean Gàidhealach stad rè-ùine air planaichean gus leas àrd-oifigear fhastadh airson an ùghdarrais.

Tha seo a' tighinn is cuid de chomhairlichean a' gearain gu bheil fastadh is gluasadan dreuchd aig àrd-ìre dìomhair.

Bha buill buileach draghail nuair a thàinig e a-mach gun robh neach-comhairleachaidh à Lunnainn a' faighinn faisg air £1,000 san là.

Bhòt comhairlichean 34 gu 33 airson stad rè-ùine a chur air planaichean gus leas àrd-oifigear fhastadh.

Bhòt iad cuideachd airson bùithtean-obrach a chur air dòigh a-rithist airson fiosrachadh a chumail ri comhairlichean mu ghluasadan le dreuchdan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo