Aonta a thaobh Chaisteil Leòdhais

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Leòdhais

Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad air cùis-lagha mu leasachadh Chaisteil Leòdhais a rèiteachadh.

Bha a' chompanaidh Kenman Holdings Eta air a bhith a' sireadh airgid-dhìolaidh bhon Chomhairle 's iad mì-thoilichte le mar a chaidh cùmhnant airson an caisteal a ruith a thoirt seachad.

Thog Kenman cùis-lagha an aghaidh na Comhairle ann an 2017.

Bha an t-ùghdarras ionadail air cùmhnant coimearsalta airson a bhith a' ruith Chaisteil Leòdhais a thoirt dhan chompanaidh Natural Retreats.

Bha Kenman Holdings a' cumail a-mach nach robh am pròiseas tairgse cothromach agus chaidh iad gu lagh a' sireadh còrr is £23m ann an airgead-dìolaidh.

Aonta

Thuirt a' Chomhairle bho thùs nach do rinn iad dad ceàrr is gun cuireadh iad dìon air a' phròiseas ann an cùis-lagha.

Fhuair am BBC a-mach air a' mhìos seo chaidh gun robh Comhairle nan Eilean Siar a' tabhann suim-airgid air Kenman airson a' chùis a rèiteach.

Tha a' Chomhairle a-nis air dearbhadh gu bheil iad air aonta a ruighinn is iad air £450,000 a pàigheadh do Kenman Holdings, a' gabhail a-steach chosgaisean cùirte agus riadh.

Thuirt an t-ùghdarras nach do dh'aidich iad uallach sam bith fon rèite agus gun do cho-dhùin iad a' chùis a thoirt gu ceann air adhbharan eaconomach.

Dh'innis Coinneach MacCoinnich bho Kenman Holdings gur e "fuasgladh cothromach" a bh' ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo