"Chan eil sinn deiseil fhathast" - Robasdan
- Air fhoillseachadh

Dh'aidich manaidsear Chaley Thistle, Iain Robasdan, nach eil an sgioba uile gu lèir deiseil fhathast airson ball-coise farpaiseach a chluich, is iad gus tilleadh dhan phàirc oidhche Mhàirt.
Cluichidh Inbhir Nis an aghaidh Hearts ann an Dùn Èideann ann an Cupa Betfred.
'S beag fios a bha aig cluicheadairean ICT nuair a thàinig iad far na pàirce às dèidh dhaibh call 2-0 ann an Alloa sa Mhàrt gum biodh seachd mìosan ann mus cluicheadh iad geama farpaiseach a-rithist.
Thuirt Iain Robasdan gu bheil e air a bhith trom orra air fad, is gun robh e fhèin gu math ìosal nuair a thàinig e am bàrr nach biodh an seusan ùr a' tòiseachadh ron Dàmhair.
Dh'innis e gun do rinn an cluba oidhirp taic a chumail ris na cluicheadairean a thaobh an cuid slàinte-inntinn.
Às dèidh grunn mhìosan air fòrladh ge-tà, thill an sgioba gu trèanadh anns na seachdainean mu dheireadh.
Ach tha Robasdan ag ràdh gu bheil iomadh dùbhlan an cois an t-suidheachaidh a th' ann, is dh'aidich e nach eil an sgioba cho deiseil 's a bu mhiann leis.
Dìcheall
"A thaobh gheamaichean farpaiseach, chan eil sinn deiseil fhathast.
"Tha fios 'am gun robh Hearts air ais as t-Samhradh. Bha againn ri coimhead ri suidheachadh an ionmhais is cha do thill sinn ceart gu meadhan na Sultaine.
"Dh'aontaich sinn na cluicheadairean fhàgail air an sgeama fòrlaidh is gun cleachdadh sinn Cupa na Lìge mar ullachadh airson toiseach na lìge.
"Eil sinn air geamaichean gu leòr a chluich thuige seo? Chan eil. Eil sinn cho fut 's a ghabhas? Chan eil.
"Ach am feuch sinn ris a' gheama a bhuannachadh? Abair thusa gum feuch.
"Nì sinn ar dìcheall faighinn a-mach às a' bhuidhinn, ach chan e deireadh an t-saoghail a bhios ann mura dèan sinn an gnothach air", thuirt e.

Tha seachd mìosan ann bho chluich ICT geama farpaiseach.
Thog Robasdan cuideachd air na riaghailtean a thaobh Chovid-19 is mar a tha iad a' bualadh air na cluicheadairean aige.
Thuirt e gur e faochadh a th' ann gun d' fhuair an cluba cead siubhail air bus le astarachadh-sòisealta, seach gach duine a bhith a' dol sìos an A9 gu geamaichean ann an sreath de chàraichean.
Tha dragh mòr air ge-tà, gum feum cluicheadairean a dhol dhachaigh às dèidh gheamaichean gun fhras.
"Faodaidh tu falbh dhan gym is fras a ghabhail le astarachadh-sòisealta ach chan urainn dhuinne.
"Tha iad a' dèiligeadh ri cluicheadairean mar gum biodh gur e crodh a th' annta, is sin gun dìmeas a dhèanamh air crodh", thuirt e.
Dh'innis e gum bi ICT a' cur air dòigh fhrasan do sgiobaidhean a tha a' tadhal air Inbhir Nis le astarachadh-sòisealta, is gu bheil iad an dòchas gum bi cead aca an cleachdadh.
Thuirt an SPFL gur e suidheachadh fìor dhuilich a th' ann is gu bheil iad a' stèidheachadh nan co-dhùnaidhean aca air a' chomhairle mheidigich as ùire.
Ionmhas
Dh'aidich an Robasdanach cuideachd gu bheil suidheachadh an ionmhais duilich is gu bheil mìosan doirbh ri tighinn, gu h-àraidh le ceist mu cuin a bhios cead aig luchd-leantainn tilleadh.
Thuirt e gu bheil an cluba air buidseat a stèidheachadh 'son faighinn tron staing.
Tha e fhèin air a bhith trang a' feuchainn ris an sguad aige a neartachadh taobh a-staigh a' bhuidseit sin.
Dh'innis an cluba Diluain gu bheil Wallace Duffy air ainm a chur ri cùmhnant leotha às dèidh dha St Johnstone fhàgail.
Bha iad mar-thà air Kai Ceanadach, Scott Allardice, Robbie Deas, Danny Devine agus Shane Sutharlanach a thoirt a-steach anns na seachdainnean mu dheireadh.
Bidh an sgioba a' dol gu Dùn Èideann Dimàirt le grunn chluicheadairean a dhìth.
Cha bhi Lewis Toshney, Danny Devine, Dàibhidh Carson, Caoimhin McHattie, Seumas Vincent is Aaron Doran rim faighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Dàmhair 2020
