Robasdan mì-thoilichte mu bhreab-peanais

  • Air fhoillseachadh
An tadhalTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

An tadhal connspaideach a bhuannaich an geama do Hearts.

Thuirt manaidsear Chaley Thistle, Iain Robasdan, gun robh e mì-thoilichte leis an rèitire às dèidh do dh'Inbhir Nis call 1-0 an aghaidh Hearts ann an Cupa na Lìge oidhche Mhàirt.

Bha Inbhir Nis a' tilleadh gu geamaichean farpaiseach às dèidh seachd mìosan nan tàmh.

Rinn breab-peanais bho Jamie Walker dìreach às dèidh uair a thìde an gnothach do Hearts is an rèitire, Steve MacIlleathain, a' co-dhùnadh gun robh Cameron Harper air am ball a làimhseachadh.

"Tha fios againn nach e breab-peanais a bha sin", thuirt Robasdan.

"Bha gàirdeanan Chameron a-staigh teann ri a bhodhaig. Bha an rèitire a' cumail a-mach gun do chuir Cameron a ghàirdean a-mach ach choimhead sinn air a' bhideo is cha do chuir.

"Rinn an rèitire tomhas is tha sin na bhriseadh-dùil, cha bu chòir dha rèitire tomhas a dhèanamh", thuirt e.

Sin ann no às ge-tà, bha an Robasdanach air a mhisneachadh le mar a chluich Inbhir Nis.

Strì

Thuirt e gu bheil buidseat gu math nas motha aig Hearts ach gun do chum ICT ceann a' mhaide riutha, fiù 's ged a bha grunn chluicheadairean a dhìth orra.

"Bha na balaich òga againn fìor mhath is bha is na cluicheadairean ùra againn.

"Tha fios a-nise aig na cluicheadairean nach robh againn a-nochd gum bi strì aca faighinn dhan sgioba.

"Bha sinn airidh air rudeigin a thoirt às a' gheama is tha sinn a' dol dhachaigh a' faireachdainn gun robh sinn mì-fhortanach", thuirt e.

Bidh an ath-gheama aig ICT an aghaidh Cowdenbeath Dimàirt seo tighinn aig 6:30f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo