Dà chùis ùr de Chovid-19 an Uibhist aig deireadh na seachdain

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras

Chaidh dà chùis ùr den Choròna-bhìoras a dhearbhadh ann an Uibhist a Deas thar deireadh na seachdain, a rèir NHS nan Eilean Siar.

Thuirt an t-àrd-oifigear aca, Gordàn Jamieson, gun robh iad an dùil ris an dà chùis seo agus gun robh tè dhiubh air nochdadh ri linn ceangal dachaigh le neach air an robh am bhìoras co-dhiù.

Thuirt Mgr Jamieson nach robh na cùisean ùra nan comharra gu robh am bhìoras fhathast a' sgaoileadh sa choimhearsnachd.

Tha 48 cùis a-nis dearbhte co-cheangailte ris an sgaoileadh ann an ceann a deas Uibhist.

Chaidh aon chùis fa leth a dhearbhadh ann an Uibhist a Tuath an t-seachdain 's a chaidh.

Ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd, chaidh 23 cùis dhen bhìoras a dhearbhadh às ùr aig deireadh na seachdain.

Tha 795 cùis a-nis dearbhte ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo