'Ath-leasachadh a dhìth' air mar a tha buill gan cur air bùird Chal Mac agus CMAL

Tha ath-leasachadh a dhìth air mar a tha daoine gan ainmeachadh gu bùird-stiùiridh nan companaidhean aiseig, CalMac agus CMAL.

Sin am beachd a tha aig cathraiche Comataidh Còmhdhail agus Bun-structair Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.