Naidheachdan 11:00m

Buidseat

Tha an Seansalair, Rachel Reeves, ag ullachadh airson am buidseat fhoillseachadh. Gheall i gum bi fàs eaconomach ann, agus tuilleadh airgid ann am pòcaidean dhaoine. Tha dùil gun cuir i 6.7% ris an tuarastal as lugha bhon Ghiblean an ath-bhliadhna, agus gum bi àrdachadh ann an cìs capital gains, agus anns na tha luchd-fastaidh a' cur ri àrachas nàiseanta.

Southport

Tha dùil ri Axel Rudakubana, a tha 18 bliadhna de dh'aois, ann an Cùirt nam Maighstirean-lagha ann an Westminster an-diugh fo chasaid gun robh puinnsean Ricin aige agus leabhar-trèanaidh al-Qaeda - casaid a tha a' tighinn fo Achd na Ceannairc. Tha esan cuideachd fo chasaid mu mhurt triùir nigheannan ann an Southport san Iuchar.

An Spàinn

Dh'innis oifigich san Spàinn gun do dh'èirich àireamh a' bhàis an dèidh thuiltean ann an sgìre Valencia gu còrr is 50. Thuit 19 òirleach de dh'uisge, luach bliadhna, ann am beagan agus ochd uairean de thìde an-dè.

Ailig Salmond

Bidh am Prìomh Mhinistear, John Swinney, os cionn luaidh air Ailig Salmond aig Holyrood feasgar. Bha Mgr Salmond na Phrìomh Mhinistear airson seachd bliadhna gu àm an referendum ann an 2014. Bha tiodhlacadh prìobhaideach dha ann an Siorrachd Obar Dheathain an-dè.

Ospadal an Àth Leathainn

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air luchd-obrach gu leòr fhastadh a leigeas leotha gluasad air adhart le plana airson tòiseachadh le seirbheisean màthaireil 24 uairean san là ann an Ospadal an Àth Leathainn tràth an ath-bhliadhna. Agus tha aithris an NHS ag ràdh gu bheil iad fhathast a' feuchainn ri luchd-obrach fhastadh gus an tèid aig màthraichean air leanabh a bhith aca san Àth Leathann seach siubhal a dh'Inbhir Nis mar a dh'fheumas iad an-dràsta.

Steòrnabhagh

Bruidhnidh ceannard nam Poileas anns na h-Eileanan an Iar aig coinneimh ann an Steòrnabhagh mu dhol-a-mach mì-shòisealta am measg òigridh sa bhaile. Bidh an t-Àrd-Inspeactair Jane NicCoinnich aig a' choinneimh phoblaich a chuir Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh air dòigh an ath-oidhche.