Naidheachdan 11:00m
Oifis a' Phuist
Tha còrr is 100 meur aig Oifis a' Phuist agus còrr is 1000 cosnadh ann an cunnart le plana a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Tha atharrachadh san amharc a chuireadh fo-mhaighstirean puist aig meadhan obrach na companaidh agus fom faigheadh iad earrann nas motha den teachd a-steach. Cha deach innse fhathast dè a' bhuaidh a bheir sin air Alba. Thuirt aonadh luchd obrach a' chonaltraidh, an CWU, gu bheil e ceàrr na planaichean fhoillseachadh fhad 's a tha rannsachadh sgainneal IT Horizon Oifis a' Phuist a' dol air adhart.
Clàr-ama ChalMac
Theid dreach ùr de chlàr-ama geamhraidh Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn fhoillseachadh an-diugh. 'S e gainnead bhàtaichean as coireach gun tàinig air CalMac clàran-ama atharrachadh. Cha do thìll an Caledonian Isles fhathast an dèidh faisg air bliadhna san doc, sguiridh an Hebridean Isles a' seòladh an ath-sheachdain agus chan eil fios cuin a thòisicheas an soitheach ùr, an Glen Sannox.
Cunntas-sluaigh
Tha coinneamh air-loidhne an-diugh a' coimhead air na tha an cunntas-sluaigh mu dheireadh ann an 2022 ag innse mu staid na Gàidhlig. Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, am measg na tha air panail a tha a' coimhead air na thàinig às a' chunntas agus air dè cho freagarrach is a tha Bile nan Cànanan Albannach an solas an fhiosrachaidh sin.
Eaglais Shasainn
Thuirt feadhainn air an deach droch dhìol a dhèanamh gum feum tuilleadh de dh'àrd chlèirich Eaglais Shasainn an dreuchd fhàgail a rèir 's dè a b'aithne dhaibh mu chùis John Smyth, a thug ionnsaighean feiseal air clann. Chuir Justin Welby bhuaithe a dhreuchd mar Àrd Easbaig Chanterbury an-dè an dèidh dha tighinn am follais nach do thog esan aire gu h-oifigeil mun chùis.
Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir
Thòisich Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis mu bhàs tidsear sgoil-àraich air a' Ghàidhealtachd bho chionn còrr 's còig bliadhna. Bhual pàirt de làraidh ann an Chloe Mhoireasdain, a bha 26, nuair a bha i a' coiseachd air a' chabhsair ri taobh rathad an A82 faisg air Druim na Drochaid san Damhair ann an 2019. Chaidh casg draibhidh fad bliadhna ron seo air draibhear na làraidh.
RAAC
Bidh togail fianais aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh mun choncrait RAAC anns a bheil laigse agus leis an deach mòran thaighean a thogail. Tha feadhainn aig a bheil dachaighean den t-seòrsa sin ag iarraidh stòras airgid a stèidheachadh airson na chosgas e càradh a dhèanamh neo dachaigh ùr fhaighinn dhaibh pèin. Agus tha iad ag iarraidh rannsachadh poblach mun dòigh san do dhèilig ùghdarrasan ionadail agus buidhnean taigheadais ris a' chùis.