Naidheachdan 11:00m
Comhairlean
Tha ceannardan comhairle na h-Alba a' coinneachadh a dheasbad phlanaichean cosgais Riaghaltas na h-Alba. Cha tug Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail làn fhreagairt fhathast dhan bhuidseat a bh' ann a' bhòn-dè. Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Shona Robison, gu bheil am billion not a bharrachd a tha i am beachd a thoirt dha na comhairlean a' ciallachadh gur e glè bheag de dh'àrdachadh a bu chòir a bhith anns a' chìs-chomhairle.
Rèile
Tha maill mhòr air seirbheisean rèile air feadh Bhreatainn le briseadh san t-siostam conaltraidh eadar na dràibhearan agus luchd nan siognalan. Thuirt ScotRail nach eil sin a' toirt cus buaidh air na seirbheisean acasan.
Siria
Tha miltean mòra dhen t-sluagh a' teicheadh à Homs, an treas baile as motha ann an Siria, air a bheil reubaltaich Ioslamach a' dèanamh an dèidh dhaibh smachd a ghabhail air baile mòr eile, Hama, an-dè. Tha aithrisean ann gu bheil feachdan an riaghaltais aig a' Cheann-suidhe Assad a' cur bhacaidhean air a' phrìomh rathad gu deas agus a' spreadhadh dhrochaidean airson maill a chur air na reubaltaich.
Corp
Dh'innis poilis gun d'fhuair iad corp sa Linne Dhubh ann an Loch Abar. Chaidh na seirbheisean-teasairginn a ghairm an sin feasgar Diciadain an dèidh aithris air cuideigin san uisge. Thuirt na poilis nach eil dad amharasach ann ach gu bheil iad a' rannsachadh na cùise.
Cìsean
Thuirt Sir Keir Starmer nach eil e an dùil cìsean a chur suas a-rithist ron ath thaghadh choitcheann ach thuirt e gum faodadh sin atharrachadh. Bha am Prìomhaire a' bruidhinn ris a' BhBC an dèidh na h-òraid an-dè san do mhìnich e sia targaidean air a bheil an riaghaltas aige ag amas.
Comhairle Bhreatainn agus na h-Èireann
Tha Sir Keir Starmer agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, am measg na tha aig àrd-choinneimh Comhairle Bhreatainn agus na h-Èireann ann an Dùn Èideann an-diugh. Am measg rudan eile bidh na còmhraidhean ag amas air atharrachadh na gnàth-shìde agus mar as fhearr airgead a chur ris a' ghluasad bho chonnaidhean fosail.