Naidheachdan 11:00m

Cogadh san Ucràin

Thuirt an Kremlin gu bheil co-dhùnadh a' Chinn-Suidhe Biden gus leigeil leis an Ucràin urchairean fad-astair Aimeireaganach a chleachdadh san Ruis a' piobrachadh an t-suidheachaidh. Tha an co-dhùnadh a' dol gu calg-dhìreach an aghaidh a' phoileasaidh a bh' ann, agus an Ceann-Suidhe Bidean air leithid de dh'iarrtas bho Khyiv a dhiùltadh airson mìosan. Thuirt Mosgo gum biodh ceannach aig dùthchannan an iar air, ma thèid an t-armachd aca a chleachdadh taobh a-staigh na Ruis.

G20

Tha am Prìomhaire ann am Braisil 'son àrd-choinneamh an G20 a tha ga cumail an sin air an t-seachdain seo. Thuirt Sràid Dhowning gun cuir Sir Keir Starmer ìmpidh air dùthchannan eile barrachd a dhèanamh gus taic a thoirt don Ucràin na h-oidhirp an aghaidh na Ruis. Tha e cuideachd gu bhith a' cumail chòmhraidhean le Ceann-Suidhe Shìona, Xi Jinping, an-diugh fhathast.

Prìsean cumhachd

Tha tomhas ann gun tig àrdachadh 1% air a' chuibhreachadh 'son prìsean cumhachd sa Bhliadhn' Ùir. Bidh a' chompanaidh Cornwall Insight a' dèanamh fàidheadarachd air rudan den t-seòrsa seo agus iadsan a' tomhas gum bi cunntas bliadhnail sa chumantas aig £1,736 bhon Fhaoilleach. Tha dùil ri fios oifigeil bho riaghaladair a' chumhachd, Ofgem, Dihaoine.

Oifigearan a' Mhet fo chasaid

Chaidh dithis oifigearean bho Phoileas a' Mhetropolitan a chur fo chasaid gun tug iad ionnsaigh fheiseil air boireannach sa Ghiblean an-uiridh nuair nach robh iad ag obair. Tha dùil ri Jerome Beasley, a tha 41, agus Luke Robinson, a tha 36, aig Cùirt nam Maighistirean-lagha aig Westminster an-earrar.

Dara dachannan

Tha barail ann gum bu chòir àrdachadh a thoirt air cìs na comhairle air dara dachannan gu 400% den chìs àbhaisteach mar dhòigh gus dèiligeadh ri staing an taigheadais anns na sgìrean dùthchail. Sin a rèir cathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Ailsa Raeburn. Thuirt i gu bheil e a' fàs nas duilghe daoine aig aois obrach a thàladh agus a chumail sna coimhearsnachdan a tha sin t-sàilleibh gu bheil taigheadas na chnap-starra orra.

Balach air a shàthadh an Eilginn

Tha rannsachadh nam Poileas a' leantainn às dèidh mar a chaidh deugaire a shàthadh an Eilginn. Thachair an ionnsaigh air an Ard-Shràid aig mu 7:20f oidhche Shathairne. Chaidh an gille, a tha 15, a thoirt do dh'Ospadal an Dr Gray sa bhaile, agus chaidh leigeil leis a dhol dhachaigh às dèidh dha leigheas fhaighinn.