Naidheachdan 11:00m
Covid-19 an Obar Dheathain
Bidh ath-sgrùdadh ann an-diugh air an lockdown ionadail ann an Obar Dheathain far an deach riaghailtean a stèidheachadh às ùr bho chionn ceala-deug. Chan eil cead air a bhith aig daoine a dhol gu dachannan a chèile, bha taighean-seinnse 's taighean-bìdh dùinte agus chan fhaodadh duine siubhal dad nas fhaide na còig mìle 'son cur-seachadan.
An bhìoras ann an sgoiltean
Chaidh dearbhadh gu bheil Covid-19 air neach-obrach aig bun-sgoil ann an Inbhir Nis. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach na ceumannan as còir a ghabhail aig Bun-sgoil Cheann a' Mhìlidh agus gun deach an togalach agus làrach na sgoile a ghlanadh. Tha am bhìoras dearbhte cuideachd air ceathrar chloinne san aon sgoil, Àrd-Sgoil an Naomh Ambrose ann an Coatbridge. Tha iad sin ceangailte ri cùisean eile ann an ceann a tuath Shiorrachd Lannraig agus ceann an ear thuath Ghlaschu. Tha e coltach gur ann à cruinneachaidhean air taobh a-muigh na sgoile a thàinig am bhìoras.
Mionad de shàmhchair
Bha mionaid de shàmhchair aig stèiseanan-rèile air feadh Bhreatainn aig seachd mionaidean deug gu naoi anns a' mhadainn an-diugh. Sin an dearbh àm bho chionn seachdain a chaill triùir am beatha nuair a chaidh an trèana eadar Obar Dheathain agus Glaschu far na rèile faisg air Stonehaven.
Faraidhean rèile
Thèid àrdachadh 1.6% air faradh na rèile aig toiseach na h-ath-bhliadhna. Cuiridh sin, mar eisimpleir, £67 ri prìs ticead seusain eadar Glaschu agus Dùn Èideann a chosgas £4,267. Bha beachd ann gur dòcha gun cuireadh an Riaghaltas maill air àrdachadh leis cho beag 's tha a' siubhal air an rèile. 'S ann aig Riaghaltas na h-Alba a tha smachd air an dàrna cuid de na faraidhean, agus am measg sin, tha ticeadan seusain air a' mhòr chuid de na slighean trèana.
Cùirt
Thèid fear, 65, mu choinneamh na cùirte ann an Inbhir Nis an-diugh co-cheangailte ri bàs anns a' bhaile a bhòn-dè. Chaochail John Birrell, a bha 55, an dèidh tachartas ann an sgìre na Pàirce Duibhe mu shia uairean feasgar Diluain.
Bàs
Chaochail fear anns an do bhuail càr ann an Inbhir Chip ann an Inbhir Chluaidh tràth 'sa mhadainn an-diugh. Bha an duine, a bha 40, a' coiseachd air rathad an A78 mu thrì uairean anns a' mhadainn.