Fireannach ciontach de mhurt an Caol Loch Aillse

An taigh far an do thachair am murt
  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach air Ghàidhealtachd fhaighinn ciontach gun do mhuirt e fireannach eile ann an Caol Loch Aillse.

Thug Mìcheal Joyce, 33, ionnsaigh air Mìcheal MacIlleBhàin, a bha 61, aig taigh anns a' bhaile an-uiridh.

Chuala a' chùirt gun do bhàsaich Mgr MacIlleBhàin an dèidh dha a bhith air a bhualadh mun cheann, agus ri linn tinneas cridhe.

Bha sgaraidhean ùra mu asnaichean, a thuilleadh air feadhainn nas sine, 's bha e air lotan fhulang an taobh a-staigh a bhodhaige.

Chaidh Mìcheal Joyce fhaighinn ciontach de mhurt Mhgr MhicIlleBhàin aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Diciadain.

Thuirt am britheamh, a' Bhana-Mhorair Poole, gun robh mar a dhèilig Joyce ri Mgr MacIlleBhàin mus do bhàsaich e "olc", ag ràdh gur e cùis throm, lèireach gus mì-chneasta a bh' air a bhith ann.

Chaidh casaidean a bh' air Joyce roimhe gun do dh'fheuch e ri bacadh a chur air ceartas agus gun do chùm e Mgr MacIlleBhàin mar thràill a tharraing.

Thèid binn air air an ath-mhìos.