£15m gus Rèile Beinne a' Chàirn Ghuirm a chàradh
- Air fhoillseachadh

Tha an rèile air a bhith dùinte bho 2018.
Cosgaidh e suas ri £15m gus Rèile Beinne a' Chàirn Ghuirm a chur gu dol a-rithist a rèir aithisg ùire.
Chaidh an rèile a dhùnadh san Damhair 2018 ri linn dhraghan mu shàbhailteachd.
'S ann le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) a tha an goireas.
Bha iad air cùmhnant a thoirt do Natural Assets Investments Earranta - fon bhratach Beinn a' Chàirn Ghuirm Earranta - 'son a ruith ann an 2014.
Chaidh Beinn a' Chàirn Ghuirm Earranta fodha às dèidh dhan rèile dùnadh.
Tha an rèile a-nise fo stiùir companaidh a stèidhich HIE fhèin.
Duilich
Ann an aithisg ùr, taobh a-muigh, tha Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil "co-dhùnaidhean duilich" aig HIE is Riaghaltas na h-Alba ri dhèanamh a thaobh dè nì iad le Rèile Beinne a' Chàirn Ghuirm.
Tha an aithisg ag ràdh gun cosg e eadar £10m is £15m gus an goireas a chàradh.
Fhuair a' bhuidheann-sgrùdaidh gun do làimhsich HIE am pròiseas a thaobh an cùmhnant a thoirt seachad ann an 2014 ann an dòigh iomchaidh.
Fhuair iad gun deach an rannsachadh ceart a dhèanamh air Natural Assets Investments Earranta sa chiad dol a-mach is gun deach suidheachadh HIE a dhìon mar a bha còir tron chùmhnant.
Ged a tha an aithisg ag ràdh gun robh pròiseas ann 'son leantainn mar a bha a' dol dhan rèile beinne, tha e ag ràdh cuideachd gum biodh e air a bhith ciallach do HIE measadh a dhèanamh gu cunbhalach air suidheachadh ionmhais Natural Assets Investments Earranta "air sgàth chunnartan ionmhais a chaidh a thogail" mus deach an rèile a chur nan làmhan.
Mì-chinnt
Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gun do ghluais HIE gu luath is gu h-èifeachdach nuair a chaidh Beinn a' Chàirn Ghuirm Earranta ann an staing.
"Tha co-dhùnaidhean duilich aig HIE is Riaghaltas na h-Alba a thaobh ciamar a chuireas iad goireas seasmhach an sàs aig Beinn a' Chàirm Ghuirm", thuirt an t-Ard-neach Sgrùdaidh, Caroline Gardner.
"Tha suidheachadh Covid-19 a' cur ris a' mhì-chinnt a thaobh dè na cosgaisean is modal a bhiodh a dhìth san àm ri teachd", thuirt i.
Dh'innis an t-Ard-neach Sgrùdaidh gum bu chòir do HIE bruidhinn ri farsaingeachd de bhuidhnean le ùidh sa chùis nuair a tha iad a' co-dhùnadh dè nì iad, is gum feum iad beachdachadh cuideachd air buaidh a' ghoireis gu sòisealta agus air an àrainneachd, a bharrachd air a' bhuaidh eaconomach.
Thuirt HIE gun robh an aithisg a' sealltainn gun do làimhsich iad an gnothach ann an dòigh cheart agus proifeiseanta.
Coimhearsnachd
Thuirt iad gu bheil iad a' gabhail ri molaidhean na h-aithisg, is gu bheil iad a-nise ag obair air "sar-phlana" 'son a' Chàirn Ghuirm.
"Bidh seo ag amas air an àrainneachd nàdarra a dhìon agus a' bheinn a leasachadh mar phrìomh ionad do spòrs is foghlam ann an Alba, is spionnadh a chur san eaconomaidh ionadail", thuirt iad.
Dh'iarr am BPA Uaineach, Iain Finnie, gum bi a' choimhearsnachd gu mòr an sàs bho seo a-mach.
Thuirt Mgr Finnie gu bheil an goireas fìor chudromach dhan sgìre is gum bu chòir dha a bhith air a ruith 'son maith mhuinntir an àite, "le HIE fhèin no 's dòcha leis a' choimhearsnachd fhèin".
Tha Urras Coimhearsnachd na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir air a bhith ag obair 'son na goireasan aig a' Chàrn Ghorm a chur ann an làmhan na coimhearsnachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 Am Faoilleach 2019

- Air fhoillseachadh30 An t-Samhain 2018

- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2018
