Cha deach cùis de Chovid-19 a dhearbhadh sna h-Eileanan an Iar Diluain
- Air fhoillseachadh

Thuirt NHS nan Eilean Siar nach deach cùis ùr de Chovid-19 a chlàradh sna h-Eileanan Diluain.
Sa cheala-deug mu dheireadh chaidh 48 cùisean a dhearbhadh co-cheangailte ri sgaoileadh a tha air a bhith ann an ceann a deas Uibhist, le cùis fa leth air a dhearbhadh ann an Uibhist a Tuath.
Chuir àrd-oifigear a' bhùird slàinte, Gordon Jamieson, ìmpidh air eileanaich cumail a' dol na'n oidhirpean ann a bhith a' cur bacadh air a' bhìoras bho a bhith a' sgapadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Dàmhair 2020

- Air fhoillseachadh9 An Dàmhair 2020
